Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture / Heritage -

Tha an t-samhain a’ tigh­inn oirnn gu lu­ath, an t-àm dhen bh­li­adhna a bhiodh na seann Cheiltich a’ toirt dhachaidh a’ chruidh bho’n àirigh’s dùil aca ri dor­chadas a’ gheamhraidh. An uair sin, bhiodh màn­ran is mireadh aca’s iad a’ dol bho thaigh gu taigh ann a’ còmh­dach meallta, a’cur muin­ntir na coim­hearsnachd gu dùbh­lan an aith­neachadh, agus ag aithris ran­ntaichean a bheireadh air luchd a’ bhaile bi­adh a thoirt dhaibh. Mar a bhios fios aig a h-uile duine, an di ugh‘ sea’ chlann ab hi os a’ dolmu’ n cuairt nan taighean air Oid­hche Shamhna, an oid­hche mu dheireadh dhen Dàmhair, ‘s iad an dòchas rudan milis ‘fhaigh­inn aig gach taigh.

Aig an àm seo, ‘s ann a bhios cuimhn’ agam gu h-àraidh air a’ Ghàid­heal ghasda Eaird­sidh Ailig Mac­choin­nich (1907-1995) á Eilean na Nol­laig, Ceap Breatainn, fear de shu inn ab’ inns gin each a thaobh a chà­nain’s a dhualchais air an do thachair mi a-ri­amh. Chaidh a chan­tainn m’a dhéid­hinn gu robh e ’na “one-man Céilidh”!

Chaidh cuireadh a thoirt dhan dithis againn a dhol gu Mòd Aimear­a­gaidh anns an aon bh­li­adhna agus bha cothrom sòn­raichte agam agal­lamh a dhèanamh leis a chuir sinn air bhidéo. Turas eile nach téid a-mach á cuimhne, sin nu­air a bha Mòd na h-al­bann Nuaidh fhathast ’ga chu­mail aig Co­laisde na Gàidhlig. Bha a’ chòisir òg á Eilean a’ Phri­onnsa, air a stiùireadh leis an Urr. Gàid­heal Nicmhathain, a’ seinn ann a co-fharpais nan còisirean; ’s e an t-òran a bha iad a’ gab­hail, an t-òran Leód­hasach, “Eilean Beag Donn a’ Chuain”. Nu­air a bha iad air crìochnachadh, nach do leum Eard­sidh Ailig bho’n t-séid­hir aige aig cùl an t-seò­mair agus ghabh e an t-òran a rinn e-fhéin air an aon fhonn. ’S e ainm an òrain “Oid­hche Shamhna”.

Tha am Bàrd ’na aonar air an oid­hche seo, oid­hch’ a bu chòir a bhith làn caidreibh is ciùil. Tha a chridhe trom, agus ’s beag an t-iong­nadh’s “a’ Ghàidhlig ’ga cuir air fò­gradh/a’ chà­nan sin is blasda leam/a dh’ionn­saich mi bho m’ mhàthair”, nach téid ás a chuimhne ged a bhiodh e ’s an t-saoghal “cho fada ri Maoise ’s Noah!” Tha e leis fhéin ann a’ seò­mar sàmhach, agus “ged ’s e Oid­hche Shamhna a th’ ann/’s beag chluin­neas mi de cheòl gàire”. Chan ur­rainn ach cuimhn’ a bhith aige air “làithean éib­hinn na h-òige/nu­air bhithea­maid a’ falbh a-mach air an oid­hche /a’ cluich ciùil’s a’ seinn òrain Ghàidhlig”.

Ged a tha an aois air tigh­inn air “mar mhear­lach’s an oid­hche”, tha cuimhn’ aige air an “tu­lach àrd”—iom­radh air slu­agh-ghairm Clann Mhic­choin­nich—air am b’ àb­haist dha suidhe, a’ coim­head a’ chruidh a’ tigh­inn dhachaidh gu buaile’s na ba­naraich a’ feitheamh orra.

Aig àm a bhàis, ’s e an dòchas a bh’ aige “gun tig sibh gu h-aon­tach uile mun cuairt /’s gun dèan sibh ùr­nuigh’s a’ Ghàidhlig”. Fhuair Eard­sidh Ailig a mhi­ann: chaidh Con­air Mhuire a ghab­hail agus a dhà dhe na h-òrain aige fhéin a sheinn. Mar sin, chaidh soiridh slàn fhà­gail aig a’ Ghàid­heal ghasda—mar bu chòir.

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.