Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture / Heritage -

Ann an in­ntinn a’ mhór-shlu­aigh, ’se’n òraid aig an Urr. Eaird­sidh Macfhiong­hain a choisinn San­ndraigh, C.B. mar an àite far a rachadh Clachan Gàid­healach a thogail. A’sin, os cionn Cao­las nam Bar­rach, tha Baile nan Gàid­heal air fàs troimh na de­ic­headan mu dheireadh dhen 20mh linn. Anns an Òg-mhios, 2000, chaidh a thoirt a-staigh do theagh­lach Taighean-tas­gaidh na h-al­bann Nuaidhe; a-nis, anns a’ 21d linn, tha cothro­man nas motha aig a’ Ch­lachan suaichean­tas na Gàidhlig a chu­mail air ite.

Tha Ruairidh Chais­son, Neach­stiùiridh a’ Ch­lachain bho 1993, a’ crei­dsinn gum mair a’ Ghàidhlig beò’s a’ Mhór-roinn’s an àm ri teachd. Nuair a smaoinicheas e air na bun-stéid­hean a dh’fheumas taigh-tas­gaidh du­alchasach, ’se na rudan do-bhean­tainn as cud­thro­maich: sgeu­lach­dan, òrain, ceòl, cà­nain, beul-aithris, agus na bhuineas do bheatha dhaoine. “’ Sea’ chà na in­cìo ch na cuibhle,”c ana idh e, “agus tradaiseanan beatha nan daoine na clàran”.

Tha buin na Gàidhlig aig Poilín bean’ic- Il­leathain a’ dol air ais air taobh a màthar gu Aong­has (“An Saor Mór”) Dòmh­nal­lach á Uib­hist a Tuath a rinn a dhachaidh ann a’ Sior­ra­machd Cheap Breatainn (1826); agus gu Dòmh­nall (“Tàil­lear”) Dòmh­nal­lach, mac Thor­moid, a thàinig á Leód­has gu Loch Lao­mainn (1802-3). ’S e Manaid­sear a’ Cho-chru­in­neachaidh a th’in­nte agus innsidh i dhut,’s ann nuair a thuigeas an luchd-tad­hail mar a bhuineas iad-fhéin dha na sinnsearan Gàid­healach aca, a gheobh i an toileachadh as motha. ’Na barail-se, mheudaich buaidh a’ Ch­lachain nuair a chaidh beothadairean na h-eachdraidh phearsanta a chur air dòigh, le bar­rachd Gàidhlig ’ga bruid­hinn mu’n cuairt,’s cothro­man dhan luchd-tad­hail tu­igsinn gu bheil iad-fhéin a’ gab­hail pàirt’s an sgeul; sin, cuide ri te­ic­ne­o­las a sgaoileas “na sgeu­lach­dan againn”chun t-saoghail mhóir.

Leis an t-eòlas a choisinn i anns a’ phró­gram Cheil­teach aig ONFX agus ann a’dòighean-obrach taigh-tas­gaidh an Ottawa, thug Ca­trìona Ni­cleòid oirre an dreuchd mar Eòlaiche Ionnsachaidh agus nam Mead­hanan ann a’ 2008. Bidh i a’ sàs ann an obair a bhuineas do mhìneachadh, do fhios­rachadh a phostadh air na mead­hanan sòisealta, agus do phró­gra­man a dhealb­hadh; agus aig an aon àm, bidh i ’faigh­inn tlachd mhóir ann a bhith ag ionnsachadh bar­rachd air beatha, òrain is sgeu­lach­dan nan sinnsirean. Bha e ’na sochair dhomh-fhìn gu robh eòlas agam air a seana-phàran­tan, Uil­leam Ma­cleòid agus Mòrag a bhean á Glas­baigh; ’s cin­nteach gum biodh iad moiteil ás a’ bhan-ogha aca.

’Na òige,’s e air a bhre­ith dlùth do Chala Booth­bay, Maine, thuig Seu­mas Macb­hatar gur ann á Tìrean na Mara a bha pàran­tan ’athar. Na b’ an­moiche ’na bheatha, rinn e tad­hal air Eileanan Siar na h-al­bann, agus air Cona­mara, Éirinn; bho’n uair sin, bha e ’ga “thar­raing gu mór ionn­saidh dhaoine agus cul­tair bheulaich a bha cho beò’s a choim­hearsnachd”. Anns na seachd-de­ic­headan, thòisich e air a’ Ghàidhlig ’ionnsachadh ann a’ Ceap Breatainn, gu h-àraidh bho dhaoine á Sior­ra­machd Inbhir­nis, lei­thid Co­laidh An­gain Dhòmh­naill a’ Chùbair, á Gleann nam Muileann, agus Seon­aidh Aong­hais Bhig á Crìochan Bràigh na h-aib­hne.

Mar Fhear-stiùiridh an Tais­beanaidh aig Baile nan Gàid­heal bho’n bh­li­adhna 1984, ’s ann le ad­hb­har uaill a bhruidhneas Seu­mas air na pró­gra­man a leanas: Stòras a’ Bhaile, sgoil bheul-aithris a bhios ’ga cumail as t-samhradh “tro mhead­han na Gàidhlig air fad”; An Drochaid Eadarainn, làrach-lìn “stéid­hichte air nòs is du­alchas Gàid­heal­tachd na Mór-roinn”; agus An Rubha, “iris Bhaile nan Gàid­heal anns a bheil sean­chas’s a’ Ghàidhlig air aithris…”

Anns an t-samhain, 2016, an Al­bainn, chaidh du­ais a thoirt do Sheumas ann a’ deas-gh­nàth fo ur­rasachd a’ BHBC air­son nan oid­hirpean aige du­alchas na Gàidhlig a gh­léid­headh’s a thoirt air fàs. Chaidh ’ain­meachadh air­son na du­ais leis An Oll. Raibeart Dun­bar, Canéideanach aig a bheil Cathair nan Cà­nainean Ceil­teach, Litreach -asan, Eachdraidh agus Àr­said­heachd, aig Oilth­igh Dhùnéideann. B’ airidh Seu­mas air an du­ais air­son na h-obrach a tha e air dèanamh air sgàth na Gàidhlig. Gu dearbh, tha esan agus a chomh-làimhichean gu léir—luchd-obrach làn- is pàirt-ùine-- aig an aon taigh-tas­gaidh ann an Aimear­a­gaidh a Tuath far am faig­hear ‘eachdraidh bheò’ na Gàidhlig, agus e suid­hichte a’ seo ann a’ Sior­ra­machd Bhioc­to­ria, airidh air lu­aidh thaingeil bhuainn.

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.