Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture/Heritage -

Aig a’ chùrsa bo­gaidh a bha aig Co­laisde na Gàidhlig bho chionn ghoirid, ’s e an t-aob­har a dh’ aidich aon sgoilear air­son a’ Ghàidhlig ’ionnsachadh, gu bheil struc­tar na cà­nain brèagh’s tùrail. Cia­mar as ur­rainn, ann a’ bea­gan ruim, brìgh na smuain seo a thoirt dhuibh? Anns a’ leab­har aige, “Gaelic Proverbs and Prover­bial Say­ings” (1926), tha T.D. Dòmh­nal­lach ag innse dhuinn gur anns na seanfha­cail mhaire­an­nach a gheob­har geur-lab­hairt agus glio­cas ar sinnsrean. Mar sin, cuiridh sinn sùil air fead­hainn dhi­ubh, an dùil bòid­hc­head agus tùr a lorg an­nta.

Mar eisim­plear, smaoinich air a’ chomhairle a thug Fionn Mac­cumhail dha mhac, Os­car: “Na dìobair caraid ’s a’ char­raid!” Seall mar a gh­la­cas an abairt seo fìor mhod­han­nan a’ Ghàid­heil, ’gan cur ann a’ struc­tar geur, goirid le cluich air an dà fha­cal ‘caraid’ agus ‘car­raid’ ann an dòigh bhàr­dail. Neo seo fear coltach, le cud­throm a-rithist air mar bu chòir dha na Gàid­heil a bhith ’gan riagh­ladh fhéin : “Fear nach cuir cùl ri ’charaid no ri ’nàmhaid!” ’S e gnè nan Gàid­heal a bhith dìleas do charaid agus treun an aghaidh an nàmhaid; tha seo fol­laiseach anns an dà chéill a th’ aig “nach cuir cùl” tim­cheall air an dà fha­cal, ‘caraid/ nàmhaid’. Seo fear anns a bheil an claid­heamh, mar gum b’ eadh, a’ bruid­hinn: “Na tar­raing mi gun aob­har, ’s na pill mi gun chliù!” Anns an t-seanfha­cal seo, tha na h-abairtean àith­neach air an cothro­machadh gu ealanta, ann a’ struc­tar agus ruithim.

Anns a’ leab­har “Our Gaelic Proverbs: A Mir­ror of our Past” (1928), sgrìobh Aong­has Macgillebhràth gu robh na seanfha­cail Ghàid­healach a’ comhar­rachadh inbhe mho­ralta àird, in­ntinn làn glio­cais, agus brìgh sgoinne ’s loinne neo-chu­manta. Tha na feartan sin ’gam faicinn anns na seanfha­cail a leanas, m.e. “’S fheàrr a bhith bochd na bhith bria­gach”. Faic mar a tha am feart bàr­dail, uaim, ’ga chur gu feum; sin an t-aon chon­san aig toiseach dà fha­cail, an seo anns na buad­hairean ioms-garach, ‘bochd/bria­gach’. A-nis, dèan sgrù­dadh air “Thoir tlachd do’n mhath ’us math an t-olc”. Anns a’ Ghàidhlig, tha am fa­cal ‘for­give’ stéid­hichte air an fha­cal ‘math’, a’ cial­lachadh ‘good’; mar sin, tu­igear gu feum sinn an t-olc a chaidh a dhèanamh athar­rachadh gu rud math.

’Ga cluin­ntinn an toiseach, ’s dòcha nach smaoinich sinn gu bheil móran céille ri thar­raing bho’n abairt “Is cuinge brù na bi­adh”; ach ann a’ cóig fa­cail, a-rithist a’ cur uaim gu feum, tha dà rud co dhi­ubh ri ionnsachadh: nach bu chòir cus ithe; agus cuideachd, fi­alaid­heachd nan Gàid­heal, nach leig duine air falbh acrach bho’n bhòrd.

Ma tha, neo nach eil, dhà no thrì eisim­plearan de sheanfha­cail air dearb­hadh gu bheil struc­tar na Gàidhlig brèagh’s tùrail, ’s e an dòchas gum faigh sibh eòlas math orra ’s gun cuir sibh gu feum iad nu­air a bhios sibh a’ bruid­hinn na Gàidhlig. Bidh spòrs agaibh leotha, agus gheob­har bar­rachd eòlais air in­ntinn nan Gàid­heal cuideachd. Fà­gaidh mi leibh aon abairt a théid a chluin­ntinn gu tric: “Anail a’ Ghàid­heil—air a’ mhul­lach!” Agus a’ chiall? Cha ghabh an Gàid­heal ’anail gus an ruig e ceann-fàth a thu­rais—mul­lach na beinne.

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.