Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture / Heritage -

Tha Geisi­adar, baile beag anns a bheil aon chroit deug, ’na laighe air rubha a’ dol a-steach gu Loch Ròd­hag ann a’ Sgìr’ùige, taobh an iar Leód­hais. Thòisich fuadach nan daoine á Ùig ann an 1804 agus chaidh seo a chu­mail suas gu 1851. Mar a dh’ innseas Co­munn Eachdraidh Ùig an sgeul, b’ e àm éigean­nach ann a’ Leód­has, agus an àitichean eile, a bh’ann an cei­thir de­ic­headan na h-ochdaimh linn deug, agus móran dhaoine faisg air dol bàs leis an acras. ’S ann leis a bhith ’gan cur air fò­gradh a dh’fhuas­gail uach­darain mar Shir Seu­mas Macmhathain an duil­gheadas dhaibh-p-fhéin. Mar sin, ann a’samhradh 1841, aig aois 26 bli­adhna, lean Dòmh­nall Macd­hòmh­naill á Geisi­adar buill dhen teagh­lach aige a dh’fhalbh na bu tràithe a Cheap Breatainn, agus sheòl e air a’ long John Walker gu ruige Mein­nean Shuid­nidh, C.B. ’S e mis­ea­naraidh a bh’ann; còmhla ris bha a’ bhean ùr, Sìne Nicgill’eathain á sgìre nan Loch. Mu dheireadh, rinn iad an dachaidh anns an Ab­hainn a Tuath far an do chuir Dòmh­nall Ceis­dear, mar a chaidh ’ain­meachadh, seachad a bheatha ann a’ seirb­heis dha na Crìos­daid­hean Cléireach mu’n cuairt. Aig an àm sin, bha an cà­nain, du­alchas agus crei­deamh co-chean­gailte gu daingeann aig in-im­richean Gàid­healach.

An là eile, thug e toileachadh mór dhomh céilidh a dhèanamh air iar-ogha a’ Cheis­deir aig Drochaid na h-aib­hne a Tuath far am bheil an dachaidh aice. Seo Pamela Nicd­hòmh­naill, bean Dhòmh­naill Mhoireas­dan; anns an taigh aca, fao­daidh aoighean an cuid oid­hche ’fhaigh­inn. Bha e in­ntin­neach faigh­inn a-mach gun do gh­lu­ais a pàran­tan, Àbra­ham agus Mairead, gu Mas­sachusetts leis an teagh­lach ann a’ 1954, nu­air a bha i-fhéin 15 bli­adhna. Bhiodh an dithis acasan a’ seinn ann a’ Còisir na Gàidhlig, agus ’s ann gu Eaglais Ch­léirich Need­ham a bhiodh an teagh­lach a’ dol. Tha cuimhn’ aig Pamela air An Urr. Tear­lach Macd­hòmh­naill ás an Tair­beart agus air An Urr. A.D. Macfhiong­hain á Léig Ainslidh a bhith a’ sear­monachadh in­nte. Air an 12a là dhen Chéitean, 1962, bha A.D anns a’ chùbaid’s an coimhthional a’ cumail féill-bh­li­adhna 75 le seirb­heis àraid. Ás déidh seo, sgrìobh e anns an leab­har-latha aige gu robh an t-seirb­heis aig cei­thir uairean feasgar anns a’ Ghàidhlig; gu robh an eaglais làn; gum b’ fheudar séidhrichean a thoirt a-steach; gu robh daoine ’nan seasamh mu thim­cheall an doruis mhóir rè na seirb­heis; agus gun do choin­nich e na ciadan de chàird­ean….

Bha ‘pull’ na dachaidh làidir agus chaidh teagh­lach Mhicd­hòmh­naill air ais a Cheap Breatainn ann an 1979 às déidh cóig bli­adhna fic­head air falbh. Ach bha móran ann nach b’ ur­rainn til­leadh às déidh dhaibh an tìr-dhàimh ’fhà­gail. Agus a’ smaoineachadh orra, ann a’ clu­ais m’ in­ntinn, cluin­nidh mi fa­cail dhàin a rinn “Am Bàrd Bochd”, Tor­mod Ma­cleòid, a bha aig aon àm ’na mhaigh­stir -sgoile aig Sgoil Loch Crois­tein, sìos an rathad bho Gheiseadar. Anns an dàn seo, tha e ag ain­meachadh fead­hainn dhe na càird­ean aige a bha air a’ bhaile ’fha­gail. Seo mar a chuir e crìoch air an dàn:

“Is fhad’s a mhaireas làithean rium / Is cuimhn’ an àite tigh­inn beò / Bidh ’n càird­eas caomh ri deàl­radh dhomh / Mar reul nan àrd ’nan glòir”.

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.