Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture / Heritage -

Cóig duil­lea­gan pàipeir, sean, air dath nan sian; cóig òrain Ghàidhlig làmhs­grìob­hte. Mar a dh’innseas Donna (Nic Dhòmh­naill) Chaim­beul á Badaig dhuinn, nu­air a bha iad a’ glanadh a-mach na seann dachaidh air cliathaich chrea­gaich na h-acar­said a Deas,’s bràthair a h-athar ’ga reic, fhuair iad lorg air an stuth phrì­seil seo.

Tha sinn gu math eòlach air a dhà dhe na h-òrain, an t-òran ion­adail, ion­mhainn, “’S e Ceap Breatainn Tìr mo Ghràidh”, le Dòmh­nall Alas­tair Macd­hòmh­naill, Flam­bas, C.B.; agus “Fear a’ bhàta”, òran a chaidh a dhèanamh anns an t-seann dùthaich faisg air deireadh na 18mh linn le Sìne Nicfhionnlaigh á Àird Thunga, Eilean Leód­hais, dh’ a lean­nan, Dòmh­nall Macrath, ias­gair òg á Uig; agus a dh’ain­deoin comhairle luchd nam bà­taichean, phòs i e. Tha an ceann-latha, An t-samhainn 10, 1937, sgrìob­hte air an duilleig, ag innse dhuinn cuin’ a chaidh lethbhreac dhen òran seo a sgrìob­hadh

Air an treas duilleig, chìt­hear òran nach eil cho ain­meil, a rinn Niall Ma­cleòid, “Am Bàrd Sgitheanach”. ’S e “Am fear a chaill a lean­nan” an t-ainm a th’ air, sgrìob­hte ann a’ ran­ntaichean ochd loidhne; fao­dar Ruairidh Caim­beul a chluin­ntinn ’s e ’ga sheinn air tas­glainn “To­bar an Dualchais”. Anns an òran, tha am bàrd a’ gearan gun do thréig a lean­nan a geal­ladh, gu bheil i air to­gail rithe leis a’ ghille ruadh aig an aon àm’s gu bheil aoighean na bainnse a’ nochdadh. Làn feirge, tha e a’ bòideadh gun toir e “ruith-phran­naidh air a’ ghille ruadh” nu­air a gheobh e gréim air.

Ach’s e an dà òran mu dheireadh a tha ’gar cur an im­cheist. Tha fear dhi­ubh, “O, sein­nidh mi duan (do’n ghru­a­gaich mhaisich)”, air a sgrìob­hadh ann an dòigh chean­gailte agus spairtean uisge air;’s e an t-aon òran eile air a bheil ceann-latha: An Gear­ran 1(?), 1937, agus ’s e fonn “Muile nam Mórb­heann” a tha ’ga mho­ladh dha. ’S e òran gaoil a th’ann, a’ caoidh gun do thréig a lean­nan Leód­hasach e air­son “a’ ghill’ òig”. Tha am bàrd gu math eòlach air struc­tar bàr­dachd na Gàidhlig ’s e a’ cleach­dadh ran­ntaichean 4 loidhne le co-fhuaim­neachd taobh a-staigh agus aig deireadh trì dhi­ubh; agus fuaim­nean aig deireadh a h-uile ceathramh loidhne ag aon­tachadh gu faisg ri chéile. Seo blas dheth:

“Nu­air sheal­las mi tuath thar chuain’s bhean­naibh/a dh’ionnsuidh an àit’ ’s na dh’fhàg mi ’chailin;/air sgiathan na gaoith’ bi aoidh (aghaidh) mo lean­nain/tigh­inn dlùth do m’ sheal­ladh á Leód­has”. Ach có rinn an t-òran?

’S e cu­s­pair cràb­hach a th’anns an darna phìos neo-aith­nichte. Seach nach eil litrichean nam fa­clan sgrìob­hte anns an dòigh chean­gailte, chan ur­rainn dhuinn a bhith cin­nteach gur e an t-aon làmh a sgrìobh an dà phìos. Tha séisd ann agus du­san rann; aig deireadh na tha sgrìob­hte, tha sinn air ar fà­gail leis an àireamh XIII, a’ toirt oirnn smaoineachadh nach eil an t-òran air a chrìochnachadh buileach. Tha an t-ùgh­dar a’ guidhe air a chuideachd ghòraich Sò­dom a sheach­nadh: tha Crìosd “a’ tairgsinn beatha bhuan dhuibh/is suaimh­neas ann am Pàras”. Tha pà­taran co-fhuaim an dà òrain seo coltach ri chéile. Ach có rinn iad?

Dé am fi­anais a th’againn? Leis mar a tha Leód­has air ’ain­meachadh’s an òran neo-aith­nichte, agus gu bheil dùil gura b’ ann a’ Liùr­bost, Sgìre nan Loch, Leód­has, a bha buin sinn-seanair Donna, seo àite tòiseachaidh. A-réir choltais, ’s e am fear seo, Dòmh­nall Mac a’ Ghob­hainn (18361922) a thog an dachaidh air a’ Ch­liathaich Chrea­gaich; ’s coltach cuideachd gun deach an t-àite ’fhà­gail aig a mhac, Dòmh­nall ‘Ruadh’, ’s an t-aon mhac eile air caochladh. Tha fios againn gun do dh’fhàg esan an dachaidh mas do phòs e ann a’ 1945 agus gu robh a mhàthair, a phi­uthar’s an duin’ aice a’ fuireachd in­nte ás déidh sin. Tha sinn cuim­seach cin­nteach, ma tha, gu robh Dòmh­nall Ruadh anns an dachaidh ann a’ 1937. Am b’ esan a rinn na h-òrain? ’S bochd nach eil fios againn gu cin­nteach!

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.