Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture / Heritage -

Nuair a thòisich mise tea­gasg aig Co­laisde na Gàidhlig an­moch anns na seachd de­ic­headan, cha robh tid­sear na Gàidhlig eile ann ach Tena Mhoireas­dan a bha cuim­seach sean aig an àm. Anns na làithean sin, bhiodh cru­in­neachadh againn gach madainn mas tòisic­headh na cla­saichean agus ghab­hadh sinn An Laoidh Nàiseanta agus Ùr­naigh an Tig­hearna, an dà chuid anns a’ Ghàidhlig mar bu chòir. ’S dòcha gu robh e caran neò­nach ach cha do dh’fhaigh­nich duine có am fear no an tè a sgrìobh an laoidh anns a’ Ghàidhlig. Ach bha e soilleir nach b’ e eadar-thean­gachadh bho thion­ndaid­hean na Beurla no na Fraingis a bha sinn a’ seinn.

Mar a thachras gu tric, théid so­lus a chur air a’ gh­nothach ré uine. Taing do Phàdraig Ó Si­ad­hail, Ol­lamh na Ceiltis aig Oilth­igh Naomh Mhàiri, a thug an leab­har “Mìle, mile i gcéin” le Danaidh Macd­hùghaill air Gàidhlig na h-éire­ann ann a’canada gu m’aire. Tha bonn-nòta aige anns an leab­har gun deach an tion­ndadh dhen Laoidh Nàiseanta a th’ againn ann a’ Gàidhlig na h-al­bann a chur air dòigh ann a’ coim­hearsnach­dan Cheap Breatainn uairei­gin anns an 20mh linn….. Ach a bheil seo fìor? Bho chionn ghoirid, chuir Ri­aghal­tas na dùthcha roimhe gum bu chòir an tion­ndadh a th’againn’s a’ Bheurla dhen Laoidh Nàiseanta a dhèanamh nas ion-ghab­halta leis a bhith ag athar­rachadh fead­hainn dhe na fa­clan. Mar sin, air an t-6mh là dhen Dùbh­lachd, 2016, dh’éirich Seanad­hair Mìcheal Macd­hòmh­naill, Ceap Breatainn, air­son a’ cheisd a fhrea­gairt. Air a bhre­ith ann a’ Louis­burg, 1955, an lean­abh as òige de dhe­ich­n­ear cloinne, tha e soilleir bho’n òraid aige cho moiteil’s a tha e á cainnt agus du­alchas a shinnsirean.

Anns an òraid aige, tha Seanad­hair Macd­hòmh­naill a’ toirt chun aire aca gu robh tion­ndadh na bu tràithe ann dhen Laoidh Nàiseanta, ann a’ Gàidhlig na h-al­bann. Dh’ain­mich e fear Tor­mod Moireach á On­tario mar ùgh­dar, agus dh’ aithris e pìos dhith: “O Ceanada! An taobh tuath treub­hach còir; crùn air do cheann, de dhuil­leag dhearg’s òr….” (An uair sin, dh’ éibh fead­hainn dhe na seanad­hairean “Hear! Hear!”) A’ cluin­ntinn seo, mhol Sean. Macd­hòmh­naill grin­neas na Gàidhlig a bh’in­nte; agus a thuil­leadh air sin, bha i ion-ghab­halta agus gura b’ e seo an tion­ndadh a bu chòir a thaghadh!

Dh’in­nis Sean. Macd­hòmh­naill dhomh gu robh dà thion­ndadh ann dhen laoidh anns a’ Ghàidhlig, am fear ás a bheil e toirt pìos dhuinn gu h-àrd, agus am fear air a bheil sinn nas eòlaiche ann a’ Ceap Breatainn:

“O Chanada! dùthaich nan gais­geach còir / Crùn air do cheann de dhuilleig dheirg is òir; / Bho chuan gu cuan le òran binn, do chliù ni sinn a’ lu­aidh; / Fo dhìon do sgeith tha saorsa ghrinn nach spìon an nàmhaid uainn; / O Chanada, dùrachd ar cridh’/ sonas le sìth is maith­eas Dhé d’ ar tìr”.

(Faic an t-eadar-thean­gachadh ann a’ colbh na Beurla agus chìt­hear nach e tion­ndadh àb­hais­teach na Beurla a th’ ann.)

Ge bith có a th’ann an Tor­mod Moireach á On­tario,’s ur­rainn dhuinne uile An Laoidh Nàiseanta ’ionnsachadh anns a’ Ghàidhlig, ma’s math leinn—rùn math do Mhìos na Gàidhlig!

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.