Saoghal na Gàidhlig...

The Victoria Standard - - Culture / Heritage -

Air cnoc ann a’ Ceap Breatainn, nas lugha na seachd km gu tuath air Co­laisde na Gàidhlig, ann an seann chladh Tù­sairean Mhi­cleòid, chìt­hear dà uaigh nach eil ro fhada o chéile. Air aon dhi­ubh tha clach ag innse gun do chaochail dithis ghil­lean, Iain Bun­yan Ma­cleòid, aois 21 bli­adhna, ann an 1838; agus a bhràthair I. Ìomhair, aois 2 bh­li­adhna, ann an 1829. Sin na mic a dh’ fhàg an t-urr. Tor­mod Ma­cleoid agus a bhean Màiri air an cùlaibh nu­air a thug iad an cuan orra gu leth-dheas an t-saoghail, 1851.

Tha an darna clach a’ toirt fi­anais gur e Filip Maceachairn (1904-1987) agus a bhean Nel­lie (Ni­cleòid) (1900-1990) a tha adhlaict’ foidhpe, cuide ri triùir mhac a chail­leadh ro thràth: Iain Mur­chadh, aois 25, agus Filip, aois 19, a dh’ eug ’s an aon bh­li­adhna, 1953; agus Coin­neach a dh’ eug ann an 1997, aois 48. Gu deimhinn, tha coltas a’ seo eadar an dà theagh­lach. Ach tha cean­gal nas doimhne eadorra: dé th’ ann?

Anns an eachdraidh ghasda a sgrìobh e air Eaglais Ch­léirich Cheap Breatainn (1921), tha an t-urr. Iain Moireach ag innse dhuinn gur a b’ ann bho’n là a sheòl an t-urr. Tor­mod Ma­cleòid le cuid dh’ a luchd-lean­mhainn a-steach gu Bàgh Naoimh Anna, air an 20mh là dhen Chéitean, 1820, sin an là a thàinig eaglais chléireach ea­graichte gu Ceap Breatainn. Aig an aon àm, tha an cun­ntas aige a’ dèanamh soilleir gu robh a’ Ghàidhlig ann a’ teas-mhead­hon na cùise seo o thùs.

Tha Moireach a’ toirt dhuinn tu­airis­geil air féill na ciad bli­adhna a bha air tachairt air an 8mh là dhen Iuchar, 1920, aig an eaglais, Gut a Deas, Bàgh Naoimh Anna. Bha cha mhór a h-uile min­is­tear cléireach anns a’ mhór­roinn an làthair, ’nam measg a’ mhór-chuid dhen fhead­hainn a bha air seirb­heis a thoirt dhan eaglais sin fhéin. Gu mì-fhor­tanach, ràinig an t-aon neach-tad­hail bho Shealainn Nuaidh là air dheireadh! Cha robh na ciadan a thàinig air a’ bhàta, S.S. Asby, bho Phort Morien, Glas­baidh, Sud­naidh agus Sud­naidh a Tuath, ach uair a thìde air dheireadh. Chaidh “eacar­said­hean” cràb­haidh a chur air dòigh anns a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig. Bha an eaglais a’ cur thairis leis an t-slu­agh a bh’ in­nte, agus fic­headan eile air an taobh a-muigh. Ann a’ seisean na maidne, bha an t-urr. Alas­dair Moireach, min­is­tear a’ cho-thion­ail, anns a’ chathair. Rinn an t-on­aireach Seòras H. Moireach, Prìomhaire na h-al­bann Nuaidhe, agus ri­ochdaire Sior­ra­machd Bhioc­to­ria, òraid. Agus chaidh bi­adh math, fi­alaidh a ghab­hail eadar an dà sheisean.

Leth-cheud bli­adhna ás déidh sin, air­son féill 150 a chomhar­rachadh, dhea­saich an t-urr. Iain G. Ma­cleòid nach maire­ann, a bha ’na mhin­is­tear aig eaglaisean Ephraim Scott agus Knox, Badaig, bho 1963 gu 1991, eachdraidh na h-eaglaise ann a’ Bail’ Naoimh Anna. In­nte, chì sinn liostaichean nam min­is­tearan a bha air seirb­heis a thoirt dhan cho-thional bho àm an Urr. Thor­moid; cuideachd, chìt­hear ain­mean nan Éildearan a chaidh an òirneadh bho’n chiad mhin­is­tear a lean Tor­mod, sin an t-urr. Abra­ham Mac an Tòisich, sìos gu1990.

Tha an dà liost a’ glacadh suim duine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh ion­adail. Ach ’s e dà ainm éildearan a tha fainear dhuinn an dràsda—gu h-àraidh, is sinn a’ lorg frea­gairt dhan cheisd a chaidh a chur gu h-àrd, an t-ainm Filip Maceachairn, Gut a Tuath, neach-lab­hairt na Gàidhlig agus seirmeadair a chaidh òirneadh ann a’ 1964. Feu­mar cur ris an ainm seo, an t-ainm D. J. Macd­hòmh­naill, an Acar­said a Deas, air ’òirneadh ’s an aon bh­li­adhna. Nu­air a thòisich mi a’ tea­gasg aig Co­laisde na Gàidhlig anns na seachd de­ic­headan, bheireadh Iseabail Ni­camh­laidh, aig an àm os cionn obair fig­headaireachd agus fhéilid­hean aig a’ Cho­laisde, cuireadh dhomh fhin’s dha na sgoilearan a dhol gu seirb­heis na Sàbaid aig eaglais Ephraim Scott. Mar sin, tha an dithis ghais­geach seo, cuide ri fàilte chrid­heil a’ cho-thion­ail’s a mhin­is­teir, a’ samh­lachadh dhomhsa cho-obraichean dìleas na h-eaglaise Cléirich, oighrean an Urr. Thor­moid, agus na min­istreachd aige. Tha sinn a’ dèanamh fi­ughair ri Féill 200 ann a’ 2020.

Newspapers in English

Newspapers from Canada

© PressReader. All rights reserved.