Sùil Eile

Daily Record - - NEWS -

BHO àm gu àm anns na bail­tean mòra, bidh na h-ùgh­dar­rasan a’ tab­hann lèir-laghadh, no “amnesty”, air­son sginean cun­nar­tach.

Bidh pras­gain òganach a’ lìon­adh bhion­aichean le sginean ach, tha mi a’ crei­dsinn, a’ glèid­headh cuid dhen fhead­hainn as fheàrr leotha.

Anns na h-Eileanan an Iar ‘s e tha a dhìth ach lèir­laghadh air­son seann chàraichean.

Tha coim­hearsnachd air taobh siar Leòd­hais air a bhith a’ cru­in­neachadh char­badan meirgeach air feadh an àite.

Ann a dhà no thrì bail­tean thog iad lethcheud ‘s a còig car­bad a bha gun fheum.

Tha an àireamh sin fhèin na h-iong­nadh, ach a rèir coltais tha bar­rachd char­badan is eile air fhà­gail anns an sgìre.

Tha cos­gais ann faigh­inn cuid­hteas na ‘wrecks’ agus bha iad an-còmh­naidh feu­mail mar thaigheanc­hearc no dòigh air còi­grich a bha a’ beach­dachadh air glu­asad a-steach a chur dheth, a rèir na cleas-cluiche co-dhiù.

Tha seann char­badan Leòd­hais cho ain­meil ‘s gun do rinn an sgrìob­hadair Jonathan Meades film mun dhei­d­hinn, “Isle of Rust”, aon dhe na sgàthain as èib­hinne agus onaraiche mu dhei­d­hinn an àite. Tha mi ga mho­ladh, tha na seann Mhari­nas feu­mail fhathast.

DAN­GER Knife-wield­ing thug

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.