Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - ALLAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

THA E na ad­hb­har mis­neachaidh a bhith a’ faicinn Ri­aghal­tas na h-Alba a’ daingneachadh amas gum bi inbhe agus fèin-spèis aig a h-uile duine ann an Alba nam beatha.

’S e amas ur­ra­mach a tha sin agus ged a tha a’ mhòr- chuid de shlu­agh na dùthcha ann an suid­heachadh mead­hanach cofhur­tail, tha e coltach gum bheil àireamh mhòr fhathast a’ fu­lang bochdainn agus gain­nead de chaochladh sheòrsa. A bhar­rachd air a’ chron a tha lei­thid sin a’ dèanamh air slàinte dhaoine thathas cuideachd ag amha­ras gum bheil suid­heachaid­hean mar seo a’ cial­lachadh nach eil cuid air chomas na còraichean daonna air am bheil iad airidh a dhleasadh.

Ged a tha na buidhnean a tha an sàs a’ feuchainn ri taic a chu­mail ri fead­hainn a tha fo bhuaidh bochdainn, chan eil dealbh shoilleir air ìre iom­lan an dùbh­lain a thaobh chòraichean.

’S ann air sgàth sin a tha a’ bhuid­heann- coiteachaidh Plana Nàiseanta na h-Alba air­son Còraichean Daonna air cur romhpa innleachd a dhealbh a lìbhrigeas còraichean daonna dhan a h-uile neach an Alba a dh’ain­deoin ìre, neo cion, tu­aras­tail.

Seo a’ chiad iomairt de sheòrsa ann am Breatann agus tha a’ bhuid­heann a’ cur romhpa mòr-shlu­agh na dùthcha oideachadh a thaobh an còraichean agus cia­mar a gheibh iad cothrom air na sochairean.

Tha fios gum bheil sgaoil­teach mhòr de dhaoine a chuireadh feum air lei­thid de chuideachadh, agus chan iad a-mhàin fead­hainn a tha gun dachaigh ach cuideachd daoine le cos­nadh ach a dh’ain­deoin sin a tha ann an duil­gheadas a’ cumail dachaigh is a’ to­gail teagh­lach.

Ma tha clann a’ fuireach ann an dachaigh nach eil tèarainte agus seasgair, bheir sin buaidh air an co­masan ionnsachaidh, agus ma tha iad a’ dol dhan sgoil le acras orra chan eil an in­ntinn gu bhith air an fhogh­lam a bhar­rachd.

Nu­air a choin­nicheas a’ bhuid­heann- coiteachaidh air­son a’ chiad turas nas fhaide air ad­hart air a’ mhìos seo, bidh iad a’ bros­nachadh dhaoine far feadh na dùthcha, a th’ air bochdainn fhu­lang, innse mu na thachair gus am beach­daich a’ bhuid­heann air mar a tha lei­thid sin a’ toirt buaidh air còraichean daonna.

Tha Coimisean Chòraichean Daonna na h-Al­bann a’ cur taic ris an iomairt seo. Tha iad moth­achail gum bheil Alba san fhar­saingeachd a’ crei­dsinn ann an cothro­machd ach aig an aon àm tha iad den bheachd gum bheil e iom­chaidh measadh a dhèanamh air èifeach­das nam poilea­said­hean a th’ ann agus cuideachd seall­tainn cia­mar a ghab­has iad sin cleach­dadh gus cuideachadh cur às do bhochdainn ann an Alba.

Gach soirb­heachadh leotha san iomairt sin.

THE CAM­PAIGN group, Scot­land’s Na­tional Plan for Hu­man Rights, seeks to en­able ev­ery­one in Scot­land to ac­cess sup­port to which they are en­ti­tled, and they want to hear from any­one who has suf­fered poverty.

This is a laud­able as­pi­ra­tion which re­flects Scot­tish Gov­ern­ment aims for fair­ness and dig­nity for all cit­i­zens.

But on-go­ing aus­ter­ity poli­cies are cre­at­ing poverty and any erad­i­ca­tion plan must also ad­dress these poli­cies. Ailean Caimbeul (Allan Camp­bell)

ailean@oban­times.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.