Beachd Ailein

The Oban Times - - 10 Letters - ALLAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

THA CEARCALL STÀILINN, na chuimh­neachan a’ samh­lachadh na sìor­raid­heachd, an crochadh am measg nan craob­han air eilean beag Utoya far chladach Nir­rib­hidh le ainm agus aois seasgad ‘s a h-aon den t- seasgad ‘s a naodh a mhurt An­ders Behring Breivik an sin cei­thir bli­adhna air ais. Tha pàran­tan ochd­nar de na chaidh a mharb­hadh fhathast cho goirt is nach deach aca air aon­tachadh ain­mean an cuid cloinne a chlàradh air a’ chuimh­neachan. Gu lèir chaill seach­dad ‘s a seachd am beatha air an dàrna latha fic­head den Iuchar 2011 ann an uab­has nach do dh’fhuil­ing Nir­rib­hidh a lei­thid bho àm an Dàrna Co­gaidh. Aig an deuchainn cùr­tach a lean bha Breivik ag arga­maid gun robh na h- òganaich, a bha a’ fritheal­adh campa samhraidh Lìog Òg Luchd- obrach Par­taidh Làbarach Nir­rib­hidh, nan luchd­brathaidh. Bha e a’ crei­dsinn gun robh an ionn­saigh aige fhèin a’ dìon na dùthcha bho in-im­rich Mhus­la­mach agus ioma- chul­tarachd. Chod­hùin britheamhan nach robh dìth cèille na leis­geul dha Breivik agus chaidh binn de suas gu bli­adhna air fhic­head prìo­sain air ann an 2012. Tha e a-nise ag ionnsachadh anns a’ phrìosan ma choin­neimh ceum oilth­igh.

Tha soidhnichean beaga cuideachd air nochdadh am measg nan craob­han agus làraich nam peilearan aig Breivik air an eilean seo, le teach­daireach­dan a thaobh mar a thèid cuimhne a chu­mail air na chail­leadh agus mar a dh’fheumar inbhe agus ìomhaigh an àite a gh­lanadh de ghàn­rachaidh eu­coir Bhreivik. Fad lin­ntean tha Utoya air a bhith na ionad- cru­in­neachaidh sòn­raichte dha luchd­taice òga Làbarach Nir­rib­hidh far an cuireadh iad seachad bea­gan làithean- saora còmhla agus far an dèanadh iad deas­bad eatarra a thaobh am feall­sanachd phoil­it­igeach. Chaidh còrr air mìle air ais chun an eilein air an t- seach­dain seo chaidh air­son bea­gan làithean, gus sealbh a ghab­hail air an làrach a-rithist. Bha fead­hainn fhathast ag ràdh gum bu chòir an t- àite fhà­gail fàs mar ur­ram dha na mairbh, ach thuirt an fhead­hainn a thill gun robh an làthaireachd an dà chuid a’ cuimh­neachadh na chail­leadh agus a’ dearb­hadh nach do bhuad­haich eu­coir!

Tha fhios gum bheil an aon rud fìor dhuinn uile a thogas fi­anais cuimh­neachaidh dha càird­ean agus gu dearbh dha na h-uile a chail­leadh anns an dà chogadh mhòr, agus gu deimhin­nte bu chòir dha bhith fìor ann an cuimh­neachadh sam bith air Hiroshima agus Na­gasaki.

AS AN­DERS BEHRING BREIVIK stud­ies for a univer­sity de­gree in prison many par­ents and rel­a­tives of the 77 peo­ple whom he mur­dered in July 2011 con­tinue to suf­fer trauma. Some be­lieve the is­land of Utoya, which was the main site of the mas­sacre, should re­main un­oc­cu­pied in mem­ory of the 69 who per­ished there.

But the thou­sand Worker’s Youth League sup­port­ers who re­turned to Utoya last week be­lieve their pres­ence both hon­oured the mem­ory of those who died and helped cleanse the site of the mem­ory of Breivik’s crime. Much as we do when we hon­our the mem­o­ries of vic­tims of world wars, in­clud­ing those who per­ished in Hiroshima and Na­gasaki. Ailean Caimbeul (Allan

Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.