Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - ALLAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caimbeul (Allan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk Ailean Caimbeul

TUIGIDH DUINE SAM BITH an tà­mailt a th’ air Co­mann Thuathanaich Shrath Narann gum b’ fheudar dhaibh an tais­beanadh tre­ab­haidh is seann in­nealachd tuathanais a bha gu bhith aca ann an Deimhidh deas air Inbhir Nis air 26 an t- Sul­tain a chur dheth.

Ri linn buaidh na droch aim­sir fad an t-samhraidh tha dragh air luchd- deasachaidh an tais­beanaidh nach bi na raoin­tean a bhios iad a’ cleach­dadh air am buain ann an àm. Ann am mòran sgìrean cha d’ fhuair an grunnd cothrom tior­ma­chadh am-bli­adhna agus cha b’ iong­nadh a bhith a’ faicinn fèill­tean gan cur dheth leis mar a bha raoin­tean cho bog ‘s nach gab­hadh dad a leigeil orra.

Tha co-fhaireachadh mòr agam dha croitearan agus tuathanaich a’ chinn a tuath ’s mu thaobh an iar na dùthcha is iad a’ sabaid ri droch thìde fad na bli­adhna agus gun gheall­tanas, fhathast co-dhiù, air leasachadh aim­sir a bheir mis­neachadh dhaibh.

Tha cùisean ràitheil eadar mìos is sia seach­dainean air deireadh ann an cuid a dh’àitichean agus tha sin a’ cial­lachadh gum bi buain air deireadh, ma ghab­has e dèanamh idir.

Is fheàrr aon oid­hche Mhàirt na trì latha Foghair! Bha an seanfha­cal seo mar a bha gach fear de shèorsa air a bhon­ntachadh air eòlas an t-slu­aigh, agus bha làn-fhios aca gur ann san ear­rach a bha feum air fàs ma bha toradh foghair ceart gu bhith aca.

Am-bli­adhna bha suid­heachadh da-rìribh dùbh­lanach aig cuid a b’ fheudar crodh a bhiathadh a-staigh suas gu mead­han an t-samhraidh leis nach robh fàs a-muigh a bheathaic­headh sprèidh.

Thug sin fìor dhroch bhuaidh air stoc feòir agus air spo­rain chroitearan is thuathanaich agus tha mòran aca nach fhuil­ing cus a bhar­rachd de lei­thid a chall. Ged a bha pàirtean den dùthaich a fhuair aim­sir nas fheàrr agus a tha a’ fao­tainn foghar a ghab­hail gu ìre mhath, chan eil teagamh nach eil bi­adh sprèidh gu bhith nas gainne agus nas daoire air a’ gheamhradh tha tigh­inn.

Chan iong­nadh mar sin ged a bhiodh cuid a’ cur romhpa stoc a reic agus ’s e ad­hb­har ioma­gain a th’ ann dhan gh­nìomhachas an till na daoine sin tu­il­leadh gu obair àiteachais is stuic.

Ach is ioma car a thig air an oid­hche fhad’ Fhoghair! Fao­dar an seanfha­cal seo a ghab­hail ann an dà dhòigh agus cò aige tha fios nach tig sìde bhrèagha, ghri­anach air­son arb­har abachadh agus cothrom a thoirt gus bàrr a gh­lei­d­headh. Chan eil teagamh nach eil tuathanaich agus croitearan uile beò an dòchas!

ONE CAN un­der­stand the dis­ap­point­ment of Strath­nairn Farm­ers’ As­so­ci­a­tion at hav­ing to can­cel its pop­u­lar vintage rally at Daviot on Septem­ber 26, but bad weather has so de­layed crops that the farm­ers fear fields may not be har­vested in time for the event.

Fol­low­ing such a bad year for many farm­ers and crofters, it is lit­tle won­der that many are con­sid­er­ing selling up. But this is bad news for the in­dus­try and many com­mu­ni­ties.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.