Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - ALLAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

CHA TÈID DUINE le tu­igse às àic­headh nach e fogh­lam tron chà­nan bunait leasachaidh na Gàidhlig, agus tha fios againn nach eil dòchas air tèarain­teachd aig a’ chà­nan às aon­ais seirb­heis fogh­laim choileanta tro mhead­han na Gàidhlig.

Gun teagamh, tha iomadh seirb­heis a dh’fheumas luchd- cleach­daidh na Gàidhlig gus cothrom a bhith aca am beatha làitheil a’ leigeil air ad­hart tron chà­nan seo, ach às aon­ais an fhogh­laim tha a h-uile coltas gum bheil Gàidhlig dol a shear­gadh às. Leis nach eil Gàidhlig anns a’ bhithean­tas ga h-ionnsachadh dha clann mar chà­nan-màthaireil tha fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig deata­mach gus àireamhan luchd-lab­hairt fhàs. Sin prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha còir aig a h-uile Plana Gàidhlig a bhith moth­achail air seo agus a’ cuideachadh a dh’ionn­saigh a’ chinn-uidhe sin.

Cuiridh mòran taic ri pàran­tan Bhun-sgoil Sh­lèite san Eilean Sgitheanach nan iomairt gus toirt air ùgh­dar­rasan fogh­laim a bhith nas sùbailte le riaghail­tean a thaobh àireamhan chloinne ann an cla­saichean fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig.

Ged nach eil eadar- dhealachadh mòr eadar cos­gaisean fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig agus fogh­lam tron Bheurla, feu­mar aith­neachadh gum bheil siostam na Gàidhlig fhathast a’ fàs agus nach eil àireamhan cho làidir. ’S e sin a dh’fhàg gun robh an Ri­aghal­tas a’ toirt taic thab­har­tasan sòn­raichte gus cuideachadh leis a’ chos­gais a bhar­rachd a bha an lùib chla­saichean beaga fhad ’s a bha aonad Gàidhlig a’ fàs.

Bha, agus saoilidh mi gum bheil fhathast, taic air­gid leasachaidh fogh­lam Gàidhlig ga chuim­seachadh air an ìre às fheàrr de thea­gasg a thoirt seachad, agus ged a thuigeas mi car­son a bhiodh Comhairle na Gàid­heal­tachd air­son na h-aon riaghail­tean a thaobh meud chla­saichean a chur an sàs feadh an cuid sgoil­tean, saoilidh mi nach eil toradh an fheall­sanachd seo idir gu bhith a rèir nan amasan nàiseanta air­son na Gàidhlig ris am bheil a’ Chomhairle a’ cur taic.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.