Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - Ailean Caim­beul

CHA DO MHILL foighidinn mhath duine ri­amh! Fao­daidh gum bheil seo ceart ach feu­maidh mi aideachadh nach eil mi fhìn idir air mo mheas mar chuidei­gin foighid­neach.

Gu dearbh thuirt caraid a bha ag obair cuide rium fad bh­li­adhnaichean rium turas, ‘nu­air a nochdas am fa­cal ‘foighidinn’ gu cin­nteach chan e d’ ainm-sa a’ chiad fhear a thig gum in­ntinn!’

Gun teagamh ’s e co­mas àraid a th’ ann am foighidinn agus ged a tha mi uasal às an fhead­hainn aig am bheil sin, saoilidh mi cuideachd gum bheil siosta­man riagh­laidh agus seirb­heis na dùthcha glè thric a’ gab­hail brath air a lei­thid.

An iad seirb­heisich chatharra agus dreachadairean pàr­la­maid, air neo buill thaghte an Ri­aghal­tais, a th’ air glio­cas an t-seanfha­cail seo a ghab­hail thuca fhèin is ru­dan a shaoileas duine cial­lach sam bith a bu chòir a bhith fo smachd an lagha fhathast gun riagh­ladh!

Dh’fhao­damaid iomadach cu­s­pair a thaghadh tha mi cin­nteach agus tha mi cuideachd cin­nteach gun cluin­nte arga­maid­ean tomadach mar leis­geul, neo mar ad­hb­har, air­son nach deach reach­das fhathast a chuir an gnìomh. Ach leis an t- Samhain oirnn a-rithist tha e doirbh darìribh a thuigsinn car­son nach eil an Ri­aghal­tas air dìon a thoirt dha clann bhon t-seòrsa èideadh Samhna a tha dearb­hta mar chun­nart las­anta.

Tha mòran chloinne air fìor dhroch los­gaid­hean fhu­lang thar nam bli­adhnaichean ri linn ’s cho buail­teach ’s a tha cuid den stuth a thathas a’ cleach­dadh a’ dèanamh ao­dach pàr­taidh, a dhol na theine.

A dh’ain­deoin sin, agus riaghail­tean mion­aideach na Roinn Eòrpa is na dùthcha seo fhèin, tha e fhathast ceadaichte dha cean­naichean stuth cun­nar­tach mar seo a thoirt a-staigh dhan Rìoghachd agus a reic. Cò mheud tubaist a dh’fheumar chun an tèid stad air a’ chleach­dadh?

Anns a’ Mhàrt am-bli­adhna gheall Ri­aghal­tas na Co-bhan­ntachd a bh’ againn aig an àm gun dèante co­chomhair­leachadh air cos­gaisean cumhachd feadh chinn a tuath Alba, le amas suas ri trit­head not sa bh­li­adhna a chaomh­nadh dha gach dachaigh.

Bho chionn seach­dain neo dhà bha Danaidh Alexan­der a’ fà­gail air an ri­aghal­tas ùr gun robh e air an geal­ladh seo dhan Ghàid­heal­tachd a thrèigsinn, ach a-nise tha Roinn Cumhachd agus Athar­rachadh Aim­sir air a ràdh gum bheil an co- chomhair­leachadh seo am measg innleach­dan eile air am bi iad a’ beach­dachadh ann an sgrù­dadh riaghail­teach a bhios a’ tòiseachadh deireadh na bli­adhna!

’S ion­gan­tach gum bheil na caomh­naid­hean dad nas fhaisge ma-tha? Tha seanfha­cal eile ag ràdh gun claoidh foighidinn mhath na clachan, ach tha an t-so­ma­l­tachd seo aig an ri­aghal­tas ag àic­headh taic dha muin­ntir a’ chinn a tuath!

WHY DOES it take so long for gov­ern­ment to pro­vide es­sen­tial pro­tec­tion?

De­spite clear ev­i­dence of the dan­ger posed by highly in­flammable im­ported chil­dren’s party cos­tumes, th­ese prod­ucts are still im­ported and of­fered for sale in the UK.

A Gaelic proverb says that pa­tience will wear out stone, but lack of ur­gency in mat­ters such as reg­u­lat­ing the sale of dan­ger­ous prod­ucts could cost lives.

Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.