Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

CHAN eil ach bea­gan is sia mìosan bhon a bha mi a’ to­gail beachd air an dùbh­lan lean­tain­neach a th’ aig Comhair­lean agus Ri­aghal­tas na h-Alba ri linn staid rathaidean feadh na dùthcha.

Bha mi ag ràdh gun robh an suid­heachadh seo agus dìth innleachd cheart gus cùisean a leasachadh, a’ dol an aghaidh gach iomairt leasachaidh ea­cona­mach agus sòisealta a th’ aig an Ri­aghal­tas.

Tha còmhd­hail rathaid deata­mach dhan a’ mhòr- chuid den t-slu­agh ach tha rathaidean air a bhith a’ crìon­adh às a chèile fad bh­li­adhnaichean gun dad sus­bain­teach ga dhèanamh gus seo a leasachadh.

Ann an 2004 mhol an aithisg A’ Cumail Suas Rathaidean Alba bho Àrd-neach-sgrù­daidh Alba agus Coimisean nan Cun­ntasan, gum bu chòir dhan Ri­aghal­tas agus dha Comhair­lean dèanamh cin­nteach gum biodh an cuid obair-leasachaidh air rathaidean a’ cur ri àrain­neachd agus seasmhachd na dùthcha.

Ach cha tàinig cus athar­rachaidh thar nam bli­adhnaichean agus tha an tu­airmse a thathas a’ dèanamh air­son nan rathaidean a thoirt air ais gu ìre a sìor dhol am meud.

A-nise tha aithisg ùr air bun­struc­tair na dùthcha bho In­sti­tiud nan Innleadairean Chatharra a’ to­gail air ìre an dùbh­lain seo a tha iad­san ag ràdh a chos­gadh co- dhiù dà bhil­lean not a leasachadh.

Tha an aithisg a’ nochdadh gur e beachd àrd- oifigearan chòmhd­hail Chomhair­lean na dùthcha gum bheil trian de na rathaidean fo ìre iom­chaidh.

A rèir na h-aithisg cuideachd tha dà cheud gu leth mil­lean not ga chosg gach bli­adhna a’ glei­d­headh chùisean mar a tha iad.

B’ fhi­ach beach­dachadh air cìsean rathaid a chur air còmhd­hail gus cuideachadh a’ coin­neachadh ris a’ chos­gais seo, gu h-àraid far am bheil an tach­dadh trafaig as miosa agus roghainn aig daoine air còmhd­hail eile, tha an In­sti­tiud a’ mo­ladh!

Ged a tha dràib­hearan agus gnìomhachasan còmhd­hail Bhreatainn air a bhith a’ pàig­headh cìsean rathaid agus cìsean mòra con­naidh fad iomadh bli­adhna, tha a’ mhòr- chuid aca den bheachd nach deach cus den ion­mhas sin a thas­gadh ann an cumail suas rathaidean na dùthcha.

Mar sin shaoilinn nach eil dràib­hearan dol a chur cus taic ri mo­laid­hean nan Innleadairean Chatharra agus gum feum an Ri­aghal­tas innleachd eile a lorg air­son rathaidean na dùthcha a thil­leadh gu slàinte!

Theagamh nach eil e na an­nas gum bheil Ri­aghal­tas na h-Alba air a ràdh nach eil dad a bheachd aige lei­thid seo de chìsean a stèid­heachadh, ach aig an aon àm cha ghabh a’ cheist seach­nadh agus chan ur­rainn dhan Ri­aghal­tas cùl a chur ri tri­oblaid a tha a sìor bha­gairt beatha làitheil agus gnìomhachas na dùthcha.

LAT­EST es­ti­mated for bring­ing Scot­land’s roads back to ac­cept­able stan­dards equal £2 bil­lion ac­cord­ing to the In­sti­tute of Civil Engi­neers, but sug­ges­tion that tolls be in­tro­duced to help fund this will find lit­tle favour with ve­hi­cle op­er­a­tors whose road fund and mas­sive fuel taxes have not en­sured a vi­tal road net­work.

Scot­tish Gov­ern­ment has no plans to in­tro­duce tolls but it can­not ig­nore crum­bling in­fra-struc­ture and de­tailed plan­ning and ac­tion is ur­gently re­quired!

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.