Beachd Ailein

The Oban Times - - News - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul

CHA ROBH E RI­AMH na amas gun cuireadh Achd na Gàidhlig glas-ghuib air luchd- cleach­daidh is coim­hearsnachd a’ chà­nain, ach ann am beachd mhòran chan eil cothrom air a bhith aig na Gàid­heil coin­neachadh air­son deas­bad bho chaidh an Achd an gnìomh.

’S docha nach eil e na an­nas gum bheil, mar a dh’in­nis mi air an t-seach­dain seo chaidh, lei­thid an Àrd- Ol­lamh Mata MacIomhair, agus a-nise An t- Ol­lamh Ùis­dean MacIl­lFhin­nein, a’ to­gail seo ann an òraidean poblach.

Mar a tha fios aig a’ mhòr- chuid de luchd-taice na Gàidhlig, thachair leasachaid­hean dhan chà­nan ri linn strì luchd-io­mairt feadh na coim­hearsnachd seach air sgàth io­mairt thai­ceil sam bith bho phàr­taid­hean poil­it­igeach.

Ag usb’ e sin a’ chomh air lea fhuair sinn bho Sheòras Younger nu­air a bhruid­hinn e aig a’ chiad cho-lab­hairt nàiseanta air Gàidhlig a chaidh a cumail aig Sab­hal Mòr Os­taig ann an 1985.

An làthair mar Rù­naire Stàite Alba, chomhair­lich Younger gun dearb­hadh gnìomhan nan Gàid­heal an cuid crei­deas anns a’ Ghàidhlig, agus nan dèanadh iad sin gum feu­madh ri­aghal­tas èis­teachd agus glu­asad gus taic a thoirt. A’ coim­head romhainn aig a’ cho-lab­hairt ud A Dh’ionn­saigh Poilea­saidh Nàiseanta Dhan Ghàidhlig, ‘s gann gun crei­deadh an neach a bu mhis­neachaile againn gun robh uimhir de dh’ad­har­tas an dàn ann an de­ich bli­adhna fic­head!

Ged a tha mòran às am faod sinn a bhith da-rìribh moiteil tha dùbh­lain ùra ma choin­neimh na Gàidhlig a tha pailt cho doirbh ris na bha sinn a’ deas­bad an uairsin.

Tha sinn còrr air letheach-slighe tron dàrna Plana Nàiseanta dhan Ghàidhlig agus bidh am measadh air ìre soirb­heachaidh a’ phlana sin gu mòr an urra ris mar a tha muin­ntir na coim­hearsnachd ag ionnsachadh agus a’ cleach­dadh na Gàidhlig.

Ged a tha an àireamh chloinne a tha a’ fao­tainn an cuid fogh­lam bun­sgoile tro mhead­han na Gàidhlig a’ dol suas, tha e deata­mach gum bi làn­chothrom cuideachd air oideachadh tron Ghàidhlig san àrd-sgoil agus gu fogh­lam àrd-ìre.

Agus ma tha Gàidhlig gu bhith buan agus dol a dh’fhàs a-rithist ann an Alba, feu­maidh cothro­man a bhith aig luchd-lab­hairt an cà­nan a chleach­dadh an lùib an cos­naid­hean agus a’ dèiligeadh ri seirb­heisean poblach de gach seòrsa, cho math ri bhith ga bruid­hinn san dachaigh.

Sin is coireach gum bheil e cho cu­d­ro­mach gum bi muin­ntir coim­hearsnachd na Gàidhlig a’ tigh­inn cuideachd gus bros­nachadh agus mis­neachadh fhao­tainn bho chàch a chèile, agus gum bi cothrom aca cur ri dealb­hadh phoilea­said­hean leasachaidh a’ chà­nain.

Gun teagamh tha dòchas na Gàidhlig air a thas­gadh ann an clann agus luchd-ionnsachaidh ach tha dleas­t­anas sòn­raichte air filean­taich dìleab cà­nain is du­alchais a lìbhrigeadh cho ealanta agus cho tar­raingeach ‘s a ghab­has dèanamh.

GAELIC lan­guage de­vel­op­ment has made sig­nif­i­cant progress in the 30 years since the first con­fer­ence ex­plored strat­egy to­wards a na­tional pol­icy.

De­spite th­ese achieve­ments, the re­vival of Gaelic still faces ma­jor chal­lenges and de­vel­op­ers recog­nise that the lan­guage and learner com­mu­nity must re­main mo­ti­vated and in­formed if re­vi­tal­i­sa­tion is to be achieved.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.