Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - Ailean Caim­beul Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell), ailean@oban­times.co.uk. AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

THA FÌOR DHÙBHLAN aig Comhairle na Gàid­heal­tachd le gainne rùm ann an sgoil­tean bhaile Inbhir Nis, agus tu­igear gum bheil oifigich agus Buill na Comhairle a’ dèanamh dìchill gus an suid­heachadh a leasachadh gun dàil.

Ach leis an rùn as fheàrr a ghab­has cur ris, bheir e ùine làrach a lorg, cead- dealb­hachaidh is eile a chur air dòigh agus to­galach a chruthachadh, gun iom­radh air an ion­mhas a dh’fheumar air a shon.

Agus chan e aon to­galach a tha a dhìth an seo a rèir coltais ach grunn, agus bidh e na iong­nadh dha mòran cia­mar nach robh dealbh na b’ fheàrr aig oifigich a tha an urra ri lìbhrigeadh seirb­heis fogh­laim na Comhairle air na bha de chloinn ri an oideachadh anns an sgìre.

Gun teagamh chan eil e furasta a bhith soilleir a thaobh ‘s mar a dh’fhao­das glu­asad slu­aigh a-steach do sgìre athar­rachadh thar bh­li­adhnaichean romhad nu­air a tha lei­thid sgoil­tean gan dealbh ‘s gan to­gail, ach canaidh mòran gur e nach eil cothrom leu­dachaidh gu leòr ga cheadachadh anns na to­galaichean sgoile as coireach dha tòrr de na tri­oblaidean a tha a’ nochdadh. Tha seo gu h-àraid fìor far am bheil sgoil­tean gan cur suas a fhritheal­adh thaighean ùra, agus chun­nacas eisim­pleirean ann an Inbhir Nis far am b’ fheudar leu­dachadh a dhèanamh air sgoil­tean nu­air nach robh iad ach bea­gan bh­li­adhnaichean stèid­hichte.

Saoilidh mi nach eil ceanglaichean èifeach­dach gu leòr eadar cead- dealb­haidh thaig­headais agus dealb­hadh is cruthachadh nan goireasan poblach a dh’fheumas na coim­hearsnach­dan ùra a thig a dh’fhuireach anns na taighean sin.

Tha mi den bheachd gur còir dha Comhair­lean amas air co- dhiù cuid de chos­gais lei­thid sgoil­tean fhao­tainn bho bhuidhnean-leasachaidh mar phàirt de “bhuan­nachd dealb­haidh”.

Ca­nar nach eil anns gach tri­oblaid ach cothrom ad­har­tais agus tha e coltach gum fao­dadh an t-seirb­heis fogh­laim tro mhead­han na Gàidhlig ann am baile Inbhir Nis buan­nachd fhao­tainn às na dh’fheumar a dhèanamh gus bar­rachd sgoil­tean a chruthachadh.

Ged a chaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a leu­dachadh mar-thà, tha i an ìre mhath làn a-rithist, agus ‘s e fear de na roghain­nean air am bheilear a’ coim­head gun gab­hadh ionad ùr a thogail anns am biodh bun-sgoil agus àrd-sgoil Ghàidhlig.

Shà­saic­headh sin feu­malach­dan fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig, agus bhiodh an to­galach a th’ aig Bun­sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an- dràsta saor air­son fogh­lam tro mhead­han na Beurla.

Ach le iar­ratas air fogh­lam tro mhead­han na Gàidhlig a sìor fhàs dh’fheumaist a bhith gu math cin­nteach gum bi to­galach sam bith a thèid a chruthachadh mòr gu leòr air­son coin­neachadh ri fàs a thig thar co- dhiù de­ich bli­adhna roimhe.

HIGH­LAND Coun­cil is tak­ing ur­gent ac­tion to re­solve a school ac­com­mo­da­tion short­age in In­ver­ness.

The city’s hugely suc­cess­ful Gaelic School is also near­ing ca­pac­ity again, de­spite be­ing ex­tended.

One in­ter­est­ing idea be­ing ex­am­ined is to build a new school to ac­com­mo­date pri­mary and sec­ondary Gaelic medium ed­u­ca­tion, thus re­leas­ing the ex­ist­ing build­ing. It’s an ill wind!

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.