Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

SIN MÒD IONADAIL INBHIR NIS seachad air­son bli­adhna eile, agus tha mi air leth toilichte aithris gun robh e soirb­heachail.

Bha àireamh nam farpaiseach ann am Mòd na cloinne mis­neachail àrd a-rithist agus theagamh fiù ‘s nas cu­d­ro­maiche buileach bha britheamhan sa mhòr- chuid a’ mo­ladh ìre a’ chà­nain a bha iad a’ cluin­ntinn.

Mar a bha mi ag ràdh air an t-seach­dain seo chaidh, tha dùbh­lan aig mòran den luchd-ionnsachaidh leis nach eil cothrom bo­gaidh aca ann an coim­hearsnach­dan Gàidhlig, agus gu dearbh tha e draghail cluin­ntinn gum bheil cleach­dadh na Gàidhlig a’ la­gachadh mar chà­nan làitheil coim­hearsnachd fiù ‘s ann an sgìrean sam bheil i mead­hanach làidir fhathast.

Cha robh na fa­clan “cleachd i neo caill i ” ri­amh cho fìor saoilidh mi!

Ach abair gum bheil oid­hirp ga dhèanamh le cloinn ann an sgoil­tean feadh na dùthcha, agus ged a tha toradh an t-sìl cà­nain sin ri fhaicinn ‘s ri chluin­ntinn aig lei­thid na Mò­dan ionadail, tha feum air taic leasachaidh a neartachadh agus tha feum gu sòn­raichte aig an fhead­hainn a tha ag ionnsachadh air taic luchd-lab­hairt na Gàidhlig.

Mar a bhios fios aig mòran agaibh tha farpaisean còmhraidh air a bhith mar phàirt de Mhò­dan fad iomadh bli­adhna ach ri linn ‘s mar a tha coim­hearsnach­dan Gàidhlig air crìon­adh agus uimhir den luchd-ionnsachaidh cho fada air falbh bhuapa, tha na cothro­man còmhraidh seo a sìor fhàs nas cu­d­ro­maiche aig, agus taobh a-mach Mhò­dan.

Saoilidh mi gum feu­mar seall­tainn air cia­mar a ghab­has dèiligeadh nas sgiobalta ri àireamhan a tha a’ fàs air leth mòr gus dèanamh cin­nteach gum bi na tachar­tasan sin tlachdmhor agus tar­raingeach dhan chloinn.

Chan eil sinn dol a gh­lei­d­headh an amais sin ma tha clann nan suidhe còrr air dà uair a thìde a’ feitheamh ri còmhradh fad trì neo cei­thir a mhion­aidean fhao­tainn le britheamh.

Le aithne bhuidhnean-leasachaidh air lu­ach nan còmhraid­hean sin agus am bros­nachadh a tha luchd-ionnsachaidh a’ fao­tainn mun coin­neimh, saoilidh mi gun gab­hadh ad­har­tas buan­nach­dail a dhèanamh.

Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh an reif­re­ann mòr air an Roinn Eòrpa an impis a bhith seachad agus ge b’ e dè an taobh a thèid sin, nì mòran gàird­eachas is dùil aca ri crìoch na deas­baid ghuiniche a tha sinn air a bhith a’ fu­lang fad mhìosan.

Tha an iomairt air­son na Gàidhlig a’ dearb­hadh dhuinn cho prì­seil ‘s a tha cà­nan, ach mar a chun­nacas uair is uair san iomairt a thaobh ball­rachd Bhreatainn san Aon­adh Eòr­pach, tha ana- caitheamh cà­nain sòn­raichte cun­nar­tach.

Chan eil mise dol a spar­radh beachd pearsanta air a’ cheist seo oirbh, ach taobh seach taobh tha mi an dòchas nu­air a thig latha taghaidh gun tig comhairle gh­lic dhuibh uile.

TO­DAY, Bri­tain de­cides on its EU mem­ber­ship and many will look for­ward to the end­ing of a cam­paign which has steadily de­scended into per­sonal in­sult and vit­riol rather than in­for­ma­tive de­bate.

I hope all who vote to­day will be in­spired by in­stinc­tive wis­dom.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.