The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

BHA MI GU MATH MÌ-THOILICHTE nuair a chaidh coinneamh de chomataidh mhion- chànanan Eòrpach a ghairm dà latha ron Nollaig.

Cha robh dol às againn oir bha co- dhùnaidhea­n cudromach a’ tighinn tràth sa Bhliadhn’ Ùr agus dh’fheumamaid a bhith deiseil.

An aon “fhaothacha­dh” a bh’ ann dhuinne a bha a’ siubhal astar b’ e gun d’ rinneadh a’ choinneamh aig portadhair Bhaile Àtha Cliath. Bha an t-àite air chrith agus na ceudan a’ feitheamh gus fàilte a chur air càirdean a’ tighinn dhachaigh air saor-làithean.

Bha faireachad­h cho blàth ‘s cho càirdeil a’ coinneacha­dh luchd-siubhail ‘s gur cinnteach gun robh iad uile a’ dùrachdadh a bhith nam pàirt den dualchas Èireannach ud! Gu cinnteach cha robh ìomhaigh na inbhe mion- chànanan ri fhaireacha­dh.

Saoilidh mi gun robh an aon seòrsa fhaireacha­idhean a’ nochdadh ann am farpais ball- coise Cupa na h-Eòrpa nuair a chunnacas Innis Tìle agus a’ Chuimrigh, an dà dhùthaich bheag, a’ dèanamh a’ chùis air a dhà de na dùthchanna­n mòra. Dàibhidh a’ coinneacha­dh Goliat dà thuras anns an aon fharpais! Cuiridh mi geall nach robh duine aig an robh am freumh as taine ri dualchas nan dùthchanna­n beaga sin nach robh moiteil a’ faicinn mar a thachair.

Thèid mi ‘n urras cuideachd gun d’ fhuair muinntir Innis Tìle agus na Cuimrigh misneachad­h agus togail, agus nach bu mhath gum maireadh sin dhaibh. Bha e air a bhith fìor mhath cuideachd nan robh an fharpais Eòrpach seo air barrachd aithne a thoirt dha na cànanan is na dualchasan eadar- dhealaicht­e aig na dùthchanna­n fa leth a tha a’ gabhail pàirt.

Tha cothrom an lùib thachartas­an den t-seòrsa seo togail agus brosnachad­h a thoirt dha mion- chànanan agus gu dearbh beagan de rùn phoileasai­dhean Eòrpach air còraichean luchd- cleachdaid­h mhion- chànanan a chur an gnìomh.

An t-seachdain seo chaidh cuideachd bha cuimhneach­ain air a’ Chogadh Mhòr agus gu sònraichte toiseach blàr brùideil, agus faoin, an Somme mar bhrat os cionn aoibh- neis buil fharpaisea­n ball- coise. ‘S e ùine mhòr a th’ ann an ceud bliadhna ach tha e cho ceart a bhith a’ gleidheadh cuimhne agus a’ toirt urram dha na milleanan a chaill am beatha.

Chan urrainn dha neach a sheallas air na bheil an siud de dh’ainmean air clachan-uaighe agus air na cuimhneach­ain tiamhaidh dhan fheadhainn nach d’ fhuaras airson an tiodhlacad­h, gun beachdacha­dh air meud a’ chall a dh’fhuiling an saoghal. Dh’fhuiling na cànanan is dualchasan dam buineadh an fheadhainn a chailleadh cuideachd, agus tha fhios gum bheil dleastanas oirnn na dìleaban prìseil sin a ghleidhead­h mar phàirt den urram a choisinn an cuid ìobairtean.

WELSH AND ICELANDIC VICTORIES in Euro 2016 matches will have stimulated the confidence of their people and it seems a pity that the competitio­n doesn’t give more recognitio­n to the languages and culture of competing countries.

Footballin­g euphoria is shadowed by memories of the brutality and horror of the Somme, and we are reminded of our duty to honour the memory, and the languages and cultures, of those who died.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell), ailean@obantimes.co.uk.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom