Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

THA DAOINE COMA DHIOT, chan eil thu gu lu­ach sam bith dhan chomann-shòisealta.

Nach brùideil agus mì-chneasta lei­thid sin de theach­daireachd ga spar­radh air pàis­tean òga, agus cha bheag an t-iong­nadh ged a bheireadh sin agus ionn­saighean borba agus drabasta eile, buaidh mhaire­ann orra. Tha e doirbh dha daoine àb­hais­teach tu­igsinn cia­mar is ur­rainn dha cuid a bhith cho an-iochdmhor, agus gu h-àraid ri clann. Cia­mar a tha na daoine sin beò len co­gaisean fhèin?

Agus ged a tha dearb­hadh ann gun robh lei­thid de neo-thru­a­can­tachd a’ gab­hail àite fad is far­saing ann an ion­adan cùram chloinne thairis air iomadh bli­adhna, bha mòran dheth cuideachd a’ tachairt fo smachd sha­gar­tan agus mh­nathan- cràb­haidh ann an ion­adan aig an robh ìomhaigh onarach crei­deimh mar lei­thid Taigh Nàsaret. Tha fic­head bli­adhna bho nochd fios mun eu­coir a dh’fhuil­ing clann a bha “fo chùram” an ion­aid seo agus ‘s e masladh gun seadh a th’ ann gum bheil iad sin, nan inbhich an- di­ugh, fhathast a’ feitheamh ri èis­teachd phoblach agus tomhais air chor­ei­gin de cheartas.

B’ e ad­har­tas a bh’ ann nu­air a dh’ain­mich Ri­aghal­tas na h-Alba, ann an 2014, gun robh Rannsachadh Drabas­tachd Chloinne na h-Alba ga stèid­heachadh, ach chan an­nas e gum bheil mòran den fhead­hainn a tha a’ giùlan lotan pi­antach na thachair dhaibh a’ sìor chall mis­neachd is a-nise dithis den triùir a bha os cionn an rannsachaidh air an dreuch­dan fhà­gail.

Ged a tha Min­is­tearan Ri­aghal­tas na h-Alba a’ dol às àic­headh cha­saidean gum bheil iad a’ gab­hail cus gnothaich ri obair an Rannsachaidh, tha e air nochdadh a rèir aithris gun robh eas-aonta eadar cathraiche an rannsachaidh agus an ri­aghal­tas a thaobh cos­gais to­gail fi­anais dhan rannsachadh. Tha e coltach gun robh Iain Swin­ney den bheachd gun cos­gadh e mu cheud not san uair àrd-luchd-lagha fhas­tadh gus fi­anais a thogail is gum biodh seirb­heisich chatharra na bu shaoire.

Bidh e coltach gun robh an dithis a leig dhi­ubh an dreuch­dan air an rannsachadh den bheachd nan leanadh lei­thid seo de bhuntainn bho Mhin­is­tearan gum fao­dadh neo-eisimeileachd cho- dhù­naid­hean an Rann- sachaidh a bhith air an la­gachadh. Ged a tha gun teagamh dleas­t­anas air Min­is­tearan smachd mhion­aideach a chu­mail air ion­mhas poblach agus an lu­ach as fheàrr fhao­tainn às, saoilidh mi gum bheil aman­nan ann far am bheil amas agus buil obair àraid dol a chial­lachadh nach i a’ phrìs as lugha as fheàrr a lìbhrigeas toradh.

Theagamh gur e seo lei­thid sin de shuid­heachadh agus gum bheil e iom­chaidh cos­gais bea­gan a bhar­rachd a thas­gadh san obair mar dhearb­hadh air beachd na dùthcha gum bheil lu­ach ga chur air na h-uile sin a dh’fhuil­ing cho mòr. THE SCOT­TISH Gov­ern­ment must en­sure the in­de­pen­dence of the Scot­tish Child Abuse In­quiry, and new mem­bers should be ap­pointed quickly to re­tain mo­men­tum.

Too many peo­ple con­tinue to suf­fer from cruel abuse ex­pe­ri­enced in child­hood, and a civilised coun­try owes them a hear­ing and jus­tice. It is time to demon­strate that they are val­ued and re­spected.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.