Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMPBELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul

CHAN IONGNADH GUM BHEIL an co- dhù­nadh aig a’ Phrìomhaire ùr Theresa May gus Boris John­son a stèid­heachadh mar Rù­naire Dhùthchan­nan Cèin air uimhir de dh’ùpraid ad­hb­harachadh ann am mead­hanan an t-saoghail.

Thuige seo tha Boris John­son air cliù a chos­nadh mar bhua­mas­tair a’ falbh le theanga air a ghualainn ‘s gun smaointinn na faiceall aige air na tha e air a bhith ag ràdh neo cò air a tha e a’ dèanamh tàire.

Gu dearbh bho chionn greise bha cuid a’ nochdadh bheach­dan anns na mead­hanan gur e cùis- ea­gail eadar-nàiseanta a bhiodh ann nam biodh Boris John­son na Phrìomhaire am Breatann agus Dòmh­nall Trump na Cheann-suidhe air na Stàitean Aon­aichte.

Chaidh ar glei­d­headh bhon trom­laighe sin gu ìre leis gur i May a fhuair dreuchd Prìomhaire, ach ann am beachd mhòran feadh an t-saoghail chan eil giùlan John­son gu ruige seo co- dhiù ga uid­hea­machadh air­son dreuchd a tha cho cu­d­ro­mach agus a tha ag iar­raidh sàr sgilean uaisleachd agus dio­plò­ma­saidh.

‘S gann a bha May air tòiseachadh na h- obair ùr nu­air a thachair am murt oill­teil ann an Nice ann an ainm chean­nairce, agus thàinig an uairsin oid­hirp ar­maichte san Tuirc gus riaghal­tas ùr a stèid­heachadh. Ma bha dearb­hadh a dhìth air na h-ual­laichean a tha an lùib dhreuch­dan prìomhaire agus mhin­is­tearan, nochd sin gu math aithg­hearr. Aig an aon àm ‘s a tha cun­nar­tan phoil­it­igs an t-saoghail fon aire, tha riaghal­tas Bhreatainn cuideachd ri co- dhù­nadh a dhèanamh air co- dhiù thèid ar­ma­chd ni­u­clasach Tri­dent ùrachadh, le mòran de shlu­agh na dùthcha agus luchd-poil­it­igs an aghaidh sin air ad­hb­ha­ran cos­gais agus feall­sanachd a thaobh ar­ma­chd ni­u­clasach.

Cluin­n­ear arga­maid­ean làidir nach eil lei­thid seo de dh’ar­ma­chd na bha­cadh far nach eil cean­nar­dan stèid­hichte a bhiodh deò­nach a chleach­dadh, agus tha leisg air mòran de luchd-poil­it­igs dearb­hadh gum biodh iad­san dei­seil lei­thid seo de sgrios a bhuileachadh air an t-saoghal.

Chan eil cus dol a dh’arga­maid an aghaidh rùn cur às do dh’ar­ma­chd ni­u­clasach feadh an t-saoghail, ach canaidh mòran nach coilea­nar sin le lei­thid Bhreatainn a bhith a’ cur bhuaipe an dìon bho Tri­dent. Dùbh­lain dhoirbh dhan luchd- riagh­laidh ùr uile agus feum dha Rù­naire nan Dùthchan­nan Cèin a bhith ag imeachd gu math faiceal­lach.

Canaidh cuid nach gann gun do thachair suid­heachadh ri­amh air nach tug Shake­speare tar­raing ann an dòigh air chor­ei­gin na chuid sgrìob­haid­hean. Saoil mar sin nach dòcha gum bheil samhla aig Boris ris a’ phri­onnsa anns an dealbh- chluich Ean­ruig IV nu­air a tha e a’ cur faoineas òige às a dhèidh agus a’ gab­hail ual­laichean rìoghail an dèidh bàs athar. ‘Bidh na nì mi nas fheàrr ann an seal­ladh an t-slu­aigh ri linn an fhaoineis a rinn mi roimhe.’

BORIS John­son’s se­nior min­is­te­rial ap­point­ment surely gives him an op­por­tu­nity to rein­vent him­self as a re­spected in­ter­na­tional politi­cian and statesman. Pos­si­bly repli­cat­ing the prince in Shake­speare’s Henry IV. ‘My re­for­ma­tion, glitt’ring o’er my fault, shall show more goodly and at­tract more eyes than that which hath no foil to set it off.’

Ailean Caim­beul (Al­lan Campbell) ailean@oban­times.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.