Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

MUN ÀM A BHIOS cuid agaibh a’ leughadh seo bidh fothal nach beag a’ gab­hail àite sa Bh­làr Dhubh aig an 179mh Fèill Àiteachais an Eilean Duibh.

Thuirt rù­naire na Fèille gun robh dùil ri tachar­tas soirb­heachail eile am-bli­adhna le 360 beat­hach cruidh agus còrr air mìle caora gam foillseachadh, a bhar­rachd air a li­uthad tais­beanadh agus stàilichean bhuidhnean gnìomhachas àiteachais.

Am-bli­adhna cuideachd tha tais­beanadh nàiseanta Alba de chrodh Sim­men­tal a’ gab­hail àite le faisg air cei­thir uimhir den bhriod seach an àb­haist rim faicinn.

Ach a dh’ain­deoin mis­neachd a’ bhrath-naid­heachd, bha faireachadh bea­gan an-fhoi­seil na lùib cuideachd.

Cha robh tais­beanadh each an lùib na Fèille am-bli­adhna, agus chan eil daoine air cothrom a ghab­hail gus tio­gaidean a chean­nach ro-làimh air an eadar-lìon. An e fìrinn na cùise gum bheil latha fhèill­tean àiteachais mhòra agus bheaga a’ tigh­inn gu crìch?

Disathairne seo chaidh bha mi aig Fèill Àiteachais Sgìre Dhiùranais ann an Dùn Bhea­gain, agus mo bhean­nachd aig a’ chomataidh a rinn spàirn ga dheasachadh.

Chan eil cuimhne agam cuin a fhuair ‘Show Dhùn Bhea­gain’ latha gri­anach mu dheireadh, agus thòisich cùisean fli­uch am-bli­adhna a-rithist! Ach thog an latha air agus bha deagh fheas­gar aca agus cha robh gainne air slu­agh.

Chan fhaca mi ri­amh lei­thid a choltas char­badan sa bhaile, cha robh òir­leach àite-par­caidh ri fhao­tainn eadar a dhà cheann.

Saoilidh mi mar sin gur e tachar­tas soirb­heachail a bh’ aca ach aig an aon àm, agus mar a chit­hear feadh na Gàid­heal­tachd, bha tais­beanadh àiteachais air crìon­adh seach mar a b’ àb­haist agus bha ru­dan eile a’ lìon­adh prò­gram an latha. Chan e cronachadh a tha sin air chor sam bith ach lèirsinn air mar a tha cùisean ag athar­rachadh ann an saoghal croitear­achd.

Bha mòran tà­mail­teach mu cho beag de lu­san is glas­raich ‘s a nochd ann am farpais na Fèille agus nu­air a dh’fhaigh­nich mi an e droch aim­sir a bu choireach, chaidh innse dhomh nach b’ e ach gun robh aon neach air a bhith a’ buan­nachadh fad bhli- adhnaichean agus gun robh càch air mis­neachd a chall. Nu­air a sguir an neach sin am-bli­adhna, dh’fhàg sin beàrn mhòr san tais­beanadh!

Chan eil teagamh nach e co- obrachadh eadar bhuill nan coim­hearsnach­dan fear de na prìomh bhuan­nach­dan an lùib croitear­achd, agus far am bheil sin a’ la­gachadh ri linn dhaoine bhith a’ fàs sean agus a’ sgur a dh’obrachadh na talmhainn neo air sgàth ad­hb­ha­ran eile, saoilidh mise gum bheil bunaitean chroitear­achd an cun­nart.

‘S e mo bheachd gum bheil feum aig croitear­achd air taic is mis­neachadh agus nach eil an Coimisean poblach is còir sin a thoirt dhaibh ga dhèanamh!

AGRI­CUL­TURAL shows mir­ror the health of croft­ing and farm­ing, and it is sadly not sur­pris­ing to find that acres of bracken and rush-in­fested croft land, and un-grazed moor are re­flected in di­min­ished ex­hibits.

When the foun­da­tions of a way of life are in jeop­ardy, croft­ing needs mo­ti­va­tion rather than heavy-handed bu­reau­cracy.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.