Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

MUN ÀM A BHIOS sibh a’ leughadh seo bidh ceann-suidhe ùr air Stàitean Aon­aichte Ameirea­gaidh, tè de na dùthchan­nan as cumhachdaiche air tha­lamh.

Dùthaich a tha cuideachd ga meas fhèin mar dhachaigh saorsa agus deamocra­saidh, agus tè a sheasadh na còraichean sin air feadh an t-saoghail.

Le còrr air trì ceud mil­lean de shlu­agh tha in-im­rich thar nam bli­adhnaichean air fìor mheas­gachadh cul­tarail a chruthachadh feadh nan Stàitean, ach mar a tha gu mì-fhor­tanach fìor ann an dùthchan­nan eile cuideachd, cha do dh’fhàg an t- eòlas ioma- chul­tarail sin Ameirea­gaidh saor bho ghràin- cin­nidh.

‘S dòcha nach b’ e an­nas a bh’ ann gun do nochd bea­gan den sin anns an iomairt ghuinich a th’ air a bhith a’ dol air­son dreuchd a’ Chinn-suidhe thar nam mìosan a chaidh.

Ann am beachd eòlaich b’ i seo an t-strì phoil­it­igeach a bu sha­laiche agus bu nimheile a bha ri­amh anns na Stàitean Aon­aichte, agus cha b’ iong­nadh ged a bhiodh a’ mhòr- chuid den t-slu­agh toilichte an taghadh a bhith seachad.

Ach ‘s neò­nach gun tig sìth eadar na prìomh tha­graichean agus cuid den dlùth luchd-taice, chaidh cus càinidh is droch-bheul a thilgeil eatarra.

An e ladar­nas a th’ ann dhòmhsa neo do dhuine sam bith eile taobh a-mach nan Stàitean a bhith a’ toirt beachd air gnothaichean poil­it­igeach Ameirea­gaidh?

Aig deireadh cùise ‘s ann aig an t-slu­agh mhòr Ameirea­ganach a bha an co- dhù­nadh ri dhèanamh, ged a bhiodh cuid againne ann an dùthchan­nan eile ga mheas an­nasach gur iad dithis aig an robh le chèile uimhir de dhroch chliù air­son caochladh ad­hb­ha­ran a chaidh an cur air ad­hart air­son na dreuchd as àirde nan dùthaich.

Ach ‘s i seo cuideachd tè de na dreuch­dan as àirde agus as cumhachdaiche san t-saoghal, agus sin an t-ad­hb­har dha daoine air feadh an t-saoghail ùidh a ghab­hail anns an taghadh seo, agus theagamh dragh a ghab­hail cuideachd.

Tha mòran ann an Ameirea­gaidh air a bhith ag ràdh anns na mead­hanan gum bheil siostam riagh­laidh na dùthcha aca air fàs coirbte agus gum bheil e cus fo smachd bhuid­heann beag den aon teagh­laichean agus gun robh taghadh Dhòmh­naill Trump, a bha bho thaobh a-mach na buidhne sin, na dhearb­hadh air mì-ri­arachas luchd-bhò­taidh.

Aig àm sgrìob­haidh seo chan eil fios agamsa de bhuil a bhios air an taghadh, a rèir nan tomhas bheachd tha an taic dha Hil­lary Clin­ton agus Dòmh­nall Trump an ìre mhath co-io­nann.

Ach chan eil teagamh nach fhaicear buaidh co- dhù­naidh mhuin­ntir Ameirea­gaidh air mar­gaidean ion­mhais an t-saoghail, agus gu ìre air chor­ei­gin bidh buaidh aig na glu­asadan sin oirnne uile cuideachd. AS I WRITE opin­ion polls are plac­ing Hil­lary Clin­ton and Don­ald Trump equal in the fight to win one of the world’s most pow­er­ful po­si­tions.

Read­ing this, you will know the out­come of what has been de­scribed as the bit­ter­est pres­i­den­tial cam­paign in United States his­tory, and the de­ci­sion of Amer­i­can vot­ers will im­pact the world to some de­gree.

We pray it will be for bet­ter.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.