Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

THACHAIR AN RUD ris nach robh dùil, agus ‘s e Dòmh­nall Trump a bhios na Cheann-suidhe air Ameirea­gaidh bho dheireadh an Fhaoiltich 2017.

Ann am beachd mhòran ann an dùthchan­nan air feadh an t-saoghail tha poil­it­igs eadar-nàiseanta gu bhith nas cu­gal­laiche ri linn toradh an taghaidh anns na Stàitean agus ‘s neò­nach ma chun­nacas ri­amh uimhir de thais­beanadh mì-rùin poblach anns an dùthaich sin a thaobh co- dhù­nadh taghaidh.

Ach gu ìre dhearbh an taghadh gum bheil mòran de mhòr-shlu­agh Ameirea­gaidh ag iar­raidh athar­rachadh bhon t-suid­heachadh far an robh an aon teagh­laichean beairteach a’ glei­d­headh sealbh air cumhachd phrìomh oifisean na dùthcha. Gu fol­laiseach cuideachd, tha mòran den bheachd gum fao­dadh duine le eòlas gnìomhachais piseach a thoirt air staid ea­cona­mach nan Stàitean, agus cos­naid­hean ùra a chruthachadh far am bheil an t-uamhas gun obair an- dràsta.

Ach fad ùine a chuid iomairt air­son dreuchd a’ Chinn-suidhe nochd Dòmh­nall Trump beach­dan a chuir oilb­heum air mòran, agus nam measg sin Mus­la­maich, slu­agh Mheagsaco, crei­deamhan, agus luchd-iomairt chòraichean bhoire­an­nach.

Thuirt e rudan a bha cho mì- chneasta is gun robh fiù ’s luchd-taice a’ phàr­taidh a tha e a’ ri­ochdachadh a’ cur cùl ris! Ach nu­air a bhuan­naich e bha car eile an ad­harc an daimh agus bha Dòmh­nall còir a’ sear­monachadh sìth is aonta, agus a’ mo­ladh Hil­lary Clin­ton a bha e dol a chur dhan phrìosan bea­gan làithean roimhe sin.

Thathas a-nise ag ràdh gum bheil e a’ tar­raing air ais bho chuid de na glu­asadan a bha e a’ geall­tainn, lei­thid cur às dha na prìomh reach­dan a thug Obama gu bith thar nan ochd bli­adhna a dh’fhalbh.

Ach bidh deagh fhios aig fear-gnothaich dhe sheòrsa cho cun­nar­tach ‘s a tha e gun gnìomh a chaidh a gheall­tainn a choileanadh. Mar sin bidh luchd-taice a’ sùileachadh athar­rachaid­hean. Theagamh gum bi aonta am measg mòr-shlu­agh na dùthcha na dhùbh­lan fiù ’s nas motha buileach is aig Dòmh­nall ri spèis mòran de dhùthaich fhèin agus an t-saoghail a chos­nadh.

Mo nàire mhòr air fead­hainn a tha air­son dreuchd teach­daire gnìomhachais Alba thoirt air ais dha Dòmh­nall Trump, agus a tha air­son gun toir Oilth­igh Raibeart Ghòr­dain sgoilear­achd ur­ra­mach dha air ais. A rèir sgeu­lachd, an dèidh arga­maid bhio­rach anns a’ Phàr­la­maid thuirt am Ball Pàr­la­maid Bessie Brad­dock ri Win­ston Churchill gun robh e fo bhuaidh na dibhe.

‘Theagamh sin,’ fhrea­gair Win­ston, ‘ ach tha thusa grànda agus a-màireach bidh mise sòbarra, is bidh tusa fhathast grànda!’ Cha do chuir toradh an taghaidh idir às do bheach­dan oill­teil Dhòmh­naill Trump.

WORLD po­lit­i­cal his­tory has many ex­am­ples of free­dom fighters who turned states­men, and as a Western Isles politi­cian once fa­mously said: ‘Ev­ery saint has a past and ev­ery sin­ner a fu­ture.’ But it will take more than con­cil­ia­tory blan­dish­ments from Don­ald Trump to earn the re­spect and trust of many Amer­i­cans, not to men­tion the world. Re­pair­ing the di­vi­sions and ha­tred that he pro­moted in his poi­sonous cam­paign will, I sus­pect, take con­sid­er­ably longer.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.