Beachd Ailein

The Oban Times - - News - AL­LAN CAMPBELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Campbell) ailean@oban­times.co.uk

THA MI AIR SGRÌOBHADH uair neo dhà roimhe mu ar n-eòlas teagh­laich air buaidh oill­teil an tin­neis alzheimer’s, an tin­neas as bitheanta a tha ag ad­hb­harachadh boile (de­men­tia). Chan eil lei­thid ann ri “tin­neas math” ach saoilidh mi gum bheil boile a tha a’ bleith air falbh cuimhne, tu­igse, ciall, agus cothrom bod­haig, cho sòn­raichte dòrain­neach fhu­lang agus fhaicinn ri tin­neas a th’ ann. Tha an eu­slaint seo a’ goid air falbh neach air an robh càird­ean eòlach agus gao­lach, agus a’ fà­gail choi­greach ann an cruth an neach sin.

Coi­greach aig nach eil cuimhne, aithne, neo tu­igse sam bith orra.

Bho chionn greise a-nise tha dotairean air a bhith làidir den bheachd gum bheil cuid de chleasan spòrs anns am bheil cluic­headairean a’ fao­tainn bhuil­lean mun cheann buail­teach cur ri cun­nart gun tig boile air na daoine sin.

Tha an aon seòrsa fi­anais air tigh­inn à rannsachaid­hean co- chean­gailte ri buaidh cuid de dh’obair shaighdear­achd. Tuigear mar sin car­son a bhiodh sabaid- dhòrn (dòr­nadh, neo dòr­nachadh, mar a theirte uaire- igin!), rug­baidh, agus ball- coise fo amha­ras sòn­raichte, ged a tha caochladh chleasachd eile lei­thid iomain fon phros­baig cuideachd. Tha luchd-riagh­laidh rug­baidh am measg cuid de spòr­san a tha toirt taic dha obair-rannsachaidh air alzheimer’s ach tha gear­ain a’ fàs a thaobh ‘s nach eil ball- coise, an spòrs as beartaiche dhi­ubh sin air fad ann am beachd mhòran, idir a’ dèanamh gu leòr.

Tha e fol­laiseach car­son a bhiodh luchd-rannsa cha idh air son cuim­sea chad hg usòn­raich te air­cluic­head air ea na th ae alan tale is na buil­lean- cinn, a tha cho deata­mach anns an spòrs seo ach a dh’fhao­dadh aig an aon àm a bhith gan dochann gun fhiosta dhaibh. Ged a dh’iar­radh cuid cur às dha buil­lean- cinn gu tur ann am ball- coise, saoilidh mi nach gabh sin dèanamh ann an gèam sam bheil an cleas seo air a bhith cho fada na chomharra air sàr ealan­tas chluic­headair, gun iom­radh air na tad­hail a bhuan­naich lei­thid de bhuil­lean.

Mar a bhiodh dùil, tha rannsachadh a’ dol air ad­hart gus feuchainn ri tu­igse agus leigheas a lorg air alzheimer’s ach tha feum daon­nan air bar­rachd taic ion­mhais gus an obair a ghreasad, agus ma tha ceàird neo curseachad àraid a thathas den bheachd a tha a’ cur ris an èig­inn, tha fhios gum biodh e iom­chaidh agus ceart gun cuireadh iad sin taic ri iomairt gus faothachadh a lorg. Saoilidh mi gum bheil dleas­t­anas moralta air saoghal ball- coise taic a thoirt, oir mar a tha fìor a thaobh iomadh tin­neis, tha mìl­tean a gheib­headh buan­nachd an- dràsta fhèin gun ghuth air ginealaichean a tha ri tigh­inn! IR­RE­SPEC­TIVE OF WHETHER one ac­cepts ev­i­dence link­ing con­tact sports such as boxing, rugby and foot­ball to in­creased risk of de­men­tia, most rea­son­able peo­ple ac­cept that a cure for this tragic wast­ing ill­ness could pre­vent thou­sands from suf­fer­ing.

Head­ing is a mea­sure of tal­ent in foot­ball, widely recog­nised as one of the wealth­ier sports, and it surely has a moral re­spon­si­bil­ity to sup­port alzheimer’s re­search.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.