Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul

SEANN DUAN AGUS SEANN tri­oblaid is staid nan rathaidean, agus gu h-àraid an fhead­hainn as lugha inbhe, air a bhith a’ dol bhuaithe bho chionn bh­li­adhnaichean ri linn dìth air­gid air­son càradh iom­chaidh a dhèanamh mar a bha feum. Le ion­mhas poblach a’ sìor fhàs gann thar nam bli­adhnaichean a chaidh seachad tha cùisean air a dhol nas miosa agus ”tutha­ganìor fhàs gann thar nam bli­adhnaichean a chaidh srgid air­son càradh iom­chaidh a dhèam­namh oprra a’ dol air tutha­gan”, a’ fà­gail cuid den uach­dar cho garbh ‘s gun saoil thu gum bheil thu a’ siub­hal cladaich seach rathad-mòr! Ach dè ghab­has dèanamh is cos­gais càraidh rathaidean na dùthcha a-nise aig ìre cho uab­hasach àrd? Chan eil dòigh air an tèid aig Comhair­lean air pàig­headh air­son obair-leasachaidh is iad mar-thà gann air èig­inn a’ ruigheachd air cos­gais cumail suas làitheil nan rathaidean.

Is uaisle toll na tuthag! Dh’fhao­dadh bea­gan fìrinn a bhith san t-seanfha­cal a thaobh èi­didh fhead­hainn a tha gam meas fhèin mar uaislean, ach tha fios agus cinnt agam nach eil luchd-siub­hail a tha a’ cosg for­tan ann an cìsean de gach seòrsa air car­badan a ruith dol a chur suas leis an t-suid­heachadh mòran nas fhaide. Le còmhd­hail a’ sìor fhàs cos­gail agus damaist bho staid nan rathaidean a’ cur ris a’ chos­gais, cha ghabh an dùbh­lan seo seach­nadh mòran nas fhaide agus feu­maidh luchd-riagh­laidh seasamh aige!

Tha mi toilichte fhaicinn gum bheil glu­asadan air tòiseachadh a chuidicheas. Mar is aithne dhuinn uile chaidh mòran de rathaidean na Gàid­heal­tachd is nan Eilean a thogail air mòin­teach agus ged a chaidh an tear­radh is an leasachadh bea­gan thar bh­li­adhnaichean, chan eil bunaitean làidir an­nta. Chan eil a’ mhòr- chuid aca co­masach air cuideam nan uid­hea­man a tha a’ ruith orra an- di­ugh a ghiùlan fiù ’s ged a bhiodh na h-uid­hea­man sin a’ cumail ris a’ chuideam cheadaichte. Ach a rèir choltais, tha mòran a’ giùlan fada bhar­rachd air na bu chòir agus tha sin a’ dèanamh cron agus a’ cur ri cos­gais càraidh, agus tha roinn còmhd­hail an riaghal­tais am beachd uid­heam tomhas cuideam a stèid­heachadh ann an rathaidean feadh na dùthcha gus an fhead­hainn a tha a’ briseadh an lagh a gh­la­cadh is a pheanasachadh.

Aig an ìre seo feu­maidh luchdo­brach ghoireasan poblach a bhios a’ briseadh an rathaid baran­tas trì bli­adhna a thoirt air a’ chàradh a nì iad air an rathad. Leis gum bheil am baran­tas sin dol a dh’èirigh gu còig bli­adhna tha dùil gun tèid ìre obair­càraidh suas agus gum mair uach­dar nan rathaidean nas fhaide

Gun teagamh nì na ceu­man­nan sin feum ann a bhith a’ glei­d­headh nan rathaidean, ach feu­mar an càradh mòr a dhèanamh an toiseach!

MO­TORISTS will be en­cour­aged to note plans to iden­tify and pe­nalise over­loaded HGVs, which dam­age our roads. Higher stan­dards of sur­face re­pair by util­ity con­trac­tors will also be wel­come but much of our roads net­work is in very poor con­di­tion and a com­pre­hen­sive re­me­dial strat­egy should be an elec­tion is­sue for ve­hi­cle users who are al­ready taxed ex­ces­sively. Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.