Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - ALLAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

CHAILL SINN SÀR GHÀIDHEAL nu­air a chaochail Ailig “Hear­ach” Dòmh­nal­lach bho chionn ghoirid, agus bidh sinn ag ion­ndrainn guth deagh chrao­ladair agus duine coib­h­neil, blàth, agus còir na dhòigh. Tha mi moiteil clach a chur air càrn caraid.

Ged a tha na fa­clan ‘sàr Ghàidheal’ bitheanta chan eil tomhas mion­aideach air dè a tha a’ fà­gail neach seach neach eile airidh air lei­thid de mho­ladh, agus aig deireadh cùise ‘s e beachd pearsanta dhaoine fa leth a bhios ann. Ach theagamh gum bheil an t-ur­ram nas motha buileach leis gur iad daoine eile a tha a’ dèanamh a’ cho- dhù­naidh anns an dòigh seo.

‘S cin­nteach gur e na rinn duine de “mhath” dha daoine eile tè de na sla­tan-tomhais a bhiodh nà­darra ann am measadh air sàr neach sam bith, agus tha sin a’ to­gail na ceiste an e sàr dhuine a th’ ann an Ceann-suidhe Ameirea­gaidh a loisg urchraichean air an ionad-ad­hair ann an Siria bhon d’ fhalbh na bo­maichean gas a thuit air baile Khan Sheikhoun air an t-seach­dain seo chaidh.

A rèir aithris chaidh faisg air ceud a mharb­hadh agus ceu­dan an leòn nu­air a spreadh an gas sarin bho na bo­maichean agus tha dùthchan­nan an t-saoghail, ach a-mhàin an Ruis, a’ fà­gail an uilc seo an urra ri riaghal­tas Shiria.

Tha Bashar al-As­sad air na ca­saidean sin àic­headh ach tha fios gun do cheadaich e an aon seòrsa ionn­saigh faisg air Da­m­as­cus mu chei­thir bli­adhna air ais, a’ marb­hadh mìle is cei­thir cheud neach, a’ fà­gail teagamh mòr na chuid onarachd. Chuir dealb­han chloinne a’ tach­dadh le dìth analach sgreamh air daoine cearta feadh an t-saoghail agus fhuair Dòmh­nall Trump mo­ladh air­son ionn­saigh a thoirt air an ionad bhon tàinig na bo­maichean.

B’ e athar­rachadh barail a bha seo dha Trump air gnothaich a ghab­hail ri Siria agus rinn ionn­saigh air iomairt anns am bheil an Ruis nam pàirt cron cuideachd air a’ chàird­eas eadar cinn-suidhe Ameirea­gaidh agus an Ruis.

A dh’ain­deoin a’ mho­laidh a fhuair e bho chuid de dhùthchan­nan, tha dragh air eòlaichean eadar-nàiseanta nach eil poilea­saidh neo innleachd mhion­aideach sam bith air chùl na rinn Trump, neo gu dearbh a’ cumail stiùir air a’ mhaoid­headh aige air Corea a Tuath. Ach mar a thuirt am feall­sanaiche Edmund Burke, ‘s e dìomhanas dhaoine matha a cheadaicheas buaidh an uilc, agus tha sinn a’ til­leadh chun cheist an e sàr dhuine a rinn dìoghal­tas às leth na dh’fhuil­ing ann an Khan Sheikhoun?

Air neo am bu chòir faigh­neachd dè an t-eadar- dhealachadh a th’ anns gach marb­hadh a th’ air a bhith a’ dol fad sia bli­adhna a-nise ann an Siria, ‘s gun choltas crìche air.

Saoilidh mise gum bheil am fear bàn as­tar mòr bho inbhe shàr Ghàidheal fhathast. IF, AS BURKE SAID, all that is nec­es­sary for the tri­umph of evil is that good men do noth­ing, does Trump’s in­ter­ven­tion in Syria make him a ‘good man’? Or was this a knee-jerk re­ac­tion with­out co­her­ent strat­egy? Ailean Caim­beul (Allan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.