Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

CUIRIDH MI GEALL gum bheil cuid agaibhse a cheart cho ciontach rium fhìn air a bhith a’ glei­d­headh rudan de gach seòrsa air­son caochladh ad­hb­ha­ran, agus gu dearbh aig aman­nan gun fhios car­son.

Gab­haidh cuid de thas­gaid­hean tu­igsinn gun teagamh, lei­thid an t-seann acfhainn obair-àiteachais is trac­taran air an tug mi iom­radh air an t-seach­dain seo chaidh, agus tha mòran dhaoine air cru­in­neachaid­hean ion­gan­tach a dhèanamh thar bh­li­adhnaichean agus tha lei­thid sin air leth in­ntin­neach agus fios­rachail.

Chit­hear cuideachd air iomadh prò­gram teleb­hisean mar a tha ùidh ann an stuth àr­saidh a’ sìor fhàs agus mar a tha lu­ach ga chur air an t-seòrsa rudan a chun­naic mòran againn gan tilgeil chun na sitig.

Bha sin a’ tigh­inn nam in­ntinn nu­air a leugh mi gun bheil na mio­ta­gan bogsadh leis an do bhuan­naich Muham­mad Ali farpais bogsadh àrd-thruimead an t-saoghail thairis air Joe Bugner ann an 1975 gu bhith air an reic aig rup ann an Lun­nainn Dilu­ain seo tigh­inn. Bidh mòran de luchd-lean­tainn bogsadh a mhi­an­naic­headh lei­thid de chuimh­neachan air an t-sabaid mhòr a bh’ anns an Merdeka Sta­dium, Kuala Lumpur ann am Malaysia air a’ chiad latha de Iuchar 1975.

Rinn Ali a’ chùis air Bugner ann an sabaid du­san cuairt còrr air dà bh­li­adhna roimhe ann an Las Ve­gas, agus ged a bhuan­naich e leis na comhar­ran a b’ àirde thar nan còig cuairt deug san dàrna farpais seo eatarra, bha cuid de luchd nam mead­hanan a’ fà­gail air Ali gun robh e car geal­tach agus a’ seach­nadh sabaid gu cru­aidh le Bugner. Chan eil teagamh nach e pàirt cu­d­ro­mach de dh’eachdraidh an spòrs a tha anns na mio­ta­gan agus le làmh-sgrìob­haidh an dithis chlea­saichean orra tha dùil aig Sotheby’s gum fao­dadh gun ruig iad seasgad mìle not aig an rup! A rèir coltais chaidh a’ bhri­o­gais ghoirid a bh’ air Ali san t-sabaid le Ean­raig Cooper ann an 1963 a reic air­son seach­dad mìle not aig an rup mu dheireadh a bh’ aca.

Thug seo uile orm smaoineachadh air an t-seòrsa rudan a bhios mòran againn a’ glei­d­headh mar chuimh- neachain air fead­hainn a th’ air falbh agus nu­air a bheir mi fhìn sùil mun cuairt na garaids chì mi mar eisim­pleir cuid de na h-in­nealan saoirsneachd a bh’ aig m’ athair, agus taobh a-staigh an taighe tha soithichean is dealb­han is iomadh faoin-sheud chu­dro­mach eile.

Tha e math gum bheil lei­thid sin de dh’ìomhaighean phrac­taigeach, agus de dh’iar­ratas, againn air cuimhne a chu­mail ach aig deireadh cùise saoilidh mi fhìn gur e rùn Abou Ben

Ad­hem a b’ fheàrr uile. Sin cuimhne mar neach aig an robh meas air a chochreutair! THINK­ING of col­lec­tors pos­si­bly bid­ding more than £60,000 for a pair of Muhammed Ali’s box­ing gloves next Mon­day led me to think of the many ways we all re­mem­ber peo­ple. James Hunt’s poem Abou Ben Ad­hem al­ways ap­pealed to me, and Ben Ad­hem’s wish to be re­mem­bered as ‘one who loves his fel­low man’.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.