Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMPBELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Campbell) ailean@oban­times.co.uk

MAR A THA MI air a thogail roimhe bho chionn ghoirid, saoilidh mi gur iomadh seanfha­cal agus gnàthas­cain­nte a tha a’ call brìgh mar a thèid na bli­adhnaichean seachad agus dòigh-beatha agus obrach an t-slu­aigh ag athar­rachadh.

Ach tha aon a tha gu cin­nteach cho fìor an-di­ugh ‘s a bha e a’ chiad turas a theireadh e, agus sin gur iomadh rud buidhe nach òr agus gur iomadh rud bòid­heach as fhi­ach a sheach­nadh! Frea­graidh comhairle nam briathran seo air iomadach suid­heachadh èib­hinn agus sòlaimte, agus thàinig iad nam in­ntinn is mi ag èis­teachd le tomhas de dh’uamhas ris an naid­heachd gun robh eu­co­raich air bhìo­ras a chruthachadh a bh’ air briseadh a-staigh dha clàran-fios­rachaidh did­seat­ach sheirb­heisean slàinte na dùthcha.

Cha b’ ann air na seirb­heisean sin a-mhàin a rin­neadh call, tha gnìomhachasan feadh an t-saoghail air fu­lang cuideachd, ach saoilidh mi gum bi a’ mhòr-chuid draghail gum fao­dadh fios­rachadh dìomhair mun cuid slàinte a bhith air fhoillseachadh.

Tha na thachair an seo na dhearb- hadh às ùr air mar a tha innleach­das an t-saoghail eileagtron­aigeach a’ fàs agus an co­mas a th’ aig fead­hainn le droch rùn saoghal agus beatha dhaoine neoi­chion­tach a chreach. Theagamh gun robh cuid a’ cur teagamh anns na h-aithrisean gum faodte gun do dh’fheuch an Ruis ri buaidh a thoirt air taghadh Cinn-suidhe nan Stàitean Aon­aichte tro ionn­saighean did­seat­ach.

Cha robh iad a’ crei­dsinn gun gab­hadh lei­thid dèanamh. Ach tha na th’ air tachairt an seo na dhearb­hadh gun gabh sgrios do-chrei­dsin­neach a chur an gnìomh feadh na cru­inne le aon neach ag obair ann an uaigneas an àitei­gin anns an t-saoghal.

Cùis ea­gail gun teagamh, ach chan ur­rainn dhuinn na bheil de bhuan­nach­dan ann an co­masan did­seat­ach a thrèigsinn air sgàth an eu­coir seo! Feu­mar sgil na h-uilc a choin­neachadh le sgilean dìon a tha fiù ‘s nas co­ma­saiche. Feu­mar cuideachd tagraid­hean làidir a thogail a thaobh tèarain­teachd an fhios­rachaidh phearsanta mun mhòr-shlu­agh a th’ aig buidhnean poblach de gach seòrsa, agus tha fhios gum bheil ual­lach moralta air na buidhnean sin am fios­rachadh sin a gheàrd chun na h-ìre as àirde ghab­has. Fao­daidh e bhith gun cuireadh lei­thid sin de dh’ual­lach cos­gaisean a bhar­rachd air cuid de sheirb­heisean poblach ach saoilidh mi nach gabh an dleas­t­anas seach­nadh. Agus dè mu na h-in­nealan againn fhìn san dachaigh? Tha an aon chun­nart ann dhuinne uile gun tèid na goireasan did­seat­ach againn a thru­ail­leadh gun fhiosta dhuinn. Thachair lei­thid sin dhomh fhìn bho chionn bea­gan mhìosan agus chaill mi bea­gan stuth. ‘Si a’ chomhairle as fheàrr a th’ ann siostam dìon làidir a stèid­heachadh agus a gh­lei­d­headh agus a bhith air leth faiceal­lach mu theach­daireach­dan post-d bho dhaoine nach aithne dhuinn. WORLD­WIDE cy­ber at­tacks which also breached se­cu­rity of NHS ser­vice providers are fright­en­ing, and hacker in­ge­nu­ity must be coun­tered with greater se­cu­rity in­ge­nu­ity. Per­sonal sys­tems must also be well-guarded and email mes­sages from un­known sources should be treated with ex­treme cau­tion.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.