Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

THA MI A’ SGRÌOBHADH seo an dèidh til­leadh dhachaigh bho chuairt shamhraidh Cho­munn Gàidhlig Inbhir Nis, cuairt a thug sinn am-bli­adhna gu Sab­hal Mòr Os­taig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.

Bha na h-uiread dhen an fhead­hainn a bh’ air a’ chuairt air a bhith aig an t- Sab­hal uairei­gin roimhe, ach dhan fhead­hainn nach robh b’ e fìor chothrom a bha seo bea­gan fhaicinn agus ionnsachadh mu phrìomh ionad-fogh­laim Gàidhlig an t-saoghail. Dhan fhead­hainn againn a bha a’ til­leadh b’ e cothrom a bha seo faicinn agus cluin­ntinn mar a tha a’ cholaiste agus a h-àrain­neachd a’ sìor fhàs agus a’ soirb­heachadh.

Mo thaing bh­làth dhan Àrd- Ol­lamh Ùis­dean Cheape air­son fios­rachadh cho fìor in­ntin­neach mu eachdraidh na sgìre agus iom­radh air mar a chaidh an sab­hal mòr san do thòisich a’ cholaiste ann an 1973 a stèid­heachadh toiseach an naoid­heamh linn deug le fear de Dhòmh­nal­laich Bhaile Fhionnlaigh Uib­hist a Tuath, ach a bha an uairsin cuideachd air stèidh a shuid­heachadh ann am Bhatair­nis. Chuala sinn mar a dh’fhuadaich an Dòmh­nal­lach còig bail­tean beaga gus ta­lamh-ion­al­traidh a chruthachadh air­son treud chruidh àrach, mu thim­cheall an t-sab­hail ùir a thog e gus geamhrachadh a stòradh.

‘S e rains a bha an Dòmh­nal­lach air­son a chruthachadh ach bu thà­mail­teach da-rìribh gun do dh’fhàg iomairt in­ntin­neach uimhir a mhuin­ntir na sgìre air am fuadach às an tìr. Dh’in­nis Ùis­dean mar a bha aithris gun tug an Dòmh­nal­lach ceann- cin­nidh Ch­lann Dòmh­naill air chuairt air an rains agus am measg nam beat­haichean agus gun robh am Mo­rair ag ràdh gun robh e ag ion­ndrainn fuaim an t-slu­aigh a bha uair ann. Nach minig a chun­nacas bàil­lid­hean Gàid­healach a’ dèiligeadh nas miosa ris na daoine na uach­darain.

Bha e sòn­raichte math a bhith a’ cluin­ntinn bea­gan de dh’eachdraidh na Co­laiste bho Cheit­eag Nic-a-phì a tha na ball de sgioba mar­gaideachd an t- Sab­hail. Chan e a-mhàin a h- òige agus a dealas a thug uimhir de thlachd agus to­gail dhuinn, ach cuideachd cluin­ntinn bho thè a cheum­naich aig an t- Sab­hal agus a fhuair cos­nadh tro mhead­han na Gàidhlig an sin na dhèidh. Thad­hail sinn cuideachd air an ionad Fàs anns am bheil an oifis aig Ceit­eag, agus anns am bheil cuideachd na h-uiread de gh­nìomhachasan eile ag obair tron Ghàidhlig. Nam measg sin tha an stiùidio rèidio is teleb­hisean Skye Space anns am bheil oileanaich ag ionnsachadh sgilean crao­laidh de gach seòrsa, mar a mhìnich Alas­dair MacAoidh dhuinn fhad ’s a thug e sinn air chuairt air na sàr ghoireasan a th’aca an sin.

Fad nan iomadh bli­adhna a bha mi fhìn an sàs cuide ris an t- Sab­hal Mhòr bhithinn daon­nan ag ràdh gun robh mi air mo mhis­neachadh gach uair a thadhlainn ann. Tha mi toilichte a dhearb­hadh gun robh an aon rud fìor an- di­ugh! OVER many years I found vis­its to Gaelic col­lege Sab­hal Mor Os­taig to be mo­ti­vat­ing ex­pe­ri­ences. Re­turn­ing last Satur­day on In­ver­ness Gaelic So­ci­ety’s an­nual out­ing was equally stim­u­lat­ing. Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.ukh

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.