Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - Ailean Caim­beul Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk

DISATHAIRNE SEO CHAIDH bha mi ann am Port Rìgh nam bhritheamh Mòd air­son a’ chiad turas am-bli­adhna, agus abair gun do chòrd an turas agus an tachar­tas rium.

Mar a bhiodh dùil aig an àm seo den bh­li­adhna, bha an t-àite air chrith le luchd-tu­rais far feadh an t-saoghail agus tha mar-thà aithrisean air daoine air am bheil e air fairtleachadh àite-fuirich a lorg aig aman­nan. Tha cùisean air athar­rachadh thaobh a’ gh­nìomhachais thar nan de­ic­headan mu dheireadh saoilidh mi is daoine a’ tad­hal air a’ Ghàid­heal­tachd fad na bli­adhna a-nise, seach an suid­heachadh a bh’ ann uairei­gin far an robh fèist aig luchd-aoigheachd tron t-samhradh agus gort a’ chuid eile den bh­li­adhna.

Dh’fhaodte a ràdh le cinnt gum bheil deagh chothro­man an lùib obair turasachd a-nise gus dreuchd beatha phroifeiseanta a thogail na lùib. Air feadh na Gàid­heal­tachd is nan Eileanan an iar air fad tha eachdraidh, cà­nan, agus du­alchas na Gàidhlig mar shàr annlann a ghab­has lìbhrigeadh dha luchd-tad­hail agus ged a tha bea­gan den sin a’ tachairt, saoilidh mi gun gab­hadh fada a bhar­rachd dèanamh. Chan e a-mhàin gun toireadh lei­thid sin tlachd dha coigrich ach bheireadh e cuideachd cothrom air leth dha muin­ntir nan sgìrean sin ùidh agus tlachd às ùr a ghab­hail nan cuid du­alchais, agus bhros­naic­headh e bar­rachd gus Gàidhlig ionnsachadh agus a chleach­dadh.

Chan eil teagamh nam in­ntinn fhìn nach eil na Mò­dan a’ lea­gail bunaitean feu­mail a dh’fhao­dadh cur ri lei­thid sin de dh’amas air leasachadh ea­cona­mach, agus tha e na thoileachas daon­nan a bhith a’ faicinn chloinne a’ dèanamh uimhir de spàirn ann am farpaisean Mhò­dan. ‘S ann a dh’ionn­saigh an latha seo a bha iad ag obrachadh fad mhìosan ag ionnsachadh fha­clan is fhuinn, agus a’ cur loinn air aithris is seinn. Gun teagamh feu­maidh cuidei­gin buin­nig is fà­gaidh sin cuid eile a’ call, ach chan eil sin ach tachar­tas an latha oir tha na bunaitean cà­nain is du­alchais a’ mairsinn agus gab­haidh tu­il­leadh eòlais agus sgil to­gail orra. Sin is coireach gum bheil e cho cu­d­ro­mach gun còrd am pàirt anns na Mò­dan ris a h-uile neach agus gu sòn­raichte ris an òi- gridh, agus gun siub­hail iad dhachaigh le cuimhne bh­làth air na thachair agus air a’ chà­nan a bha na ad­hb­har air. Tha britheamhan cothro­mach onarach nan cuid bre­i­th­neachaidh ach tha iad cuideachd faiceal­lach gum bheil iad a’ mis­neachadh seach a bhith a’ cronachadh fharpaisich.

A rèir na chun­naic is na chuala mise, rinn na bha a’ gab­hail pàirt ann am Mòd Ion­adail an Eilein Sgitheanaich fìor mhath am-bli­adhna a-rithist is bha iad nan deagh the­is­teanas air na bha gan cuideachadh. Tha mi glè thoilichte aithris gum faca ‘s gun cuala sinn taghadh math de tho­bar du­alchais. COM­PETI­TORS at last week’s Skye Provin­cial Mòd demon­strated the pos­i­tive in­flu­ence of Gaelic Medium Ed­u­ca­tion on the lin­guis­tic flu­ency of the area’s young peo­ple.

They clearly en­joyed their Mòd ex­pe­ri­ence and the event was also a plea­sure for the au­di­ence and ad­ju­di­ca­tors alike.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.