The Oban Times

Àrd-sgoil Àird nam Murchan soirbheach­ail aig Duaisean Foghlaim na h-Alba

-

THA Bòrd na Gàidhlig a’ cur meal-a-naidheachd air Àrd-sgoil Àird nam Murchan a bhuannaich Duais Foghlam Gàidhlig aig Duaisean Foghlaim na h-Alba 2017.

Chaidh sgioba luchdteaga­isg, luchd-taice agus pàrantan Àrd-sgoil Àird nam Murchan a mholadh gu mòr airson na tha iad a’ dèanamh leis an òigridh airson cultar na Gàidhlig, agus dualchas na sgìre, a leasachadh agus a bhrosnacha­dh air feadh na coimhearsn­achd.

Am measg na tha òigridh na sgoile a’ dèanamh tha iad a’ gabhail pàirt ann an Duaisean John Muir, cèilidhean, Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean, farpais FilmG agus camanachd far a bheil iad a’ faighinn barrachd eòlais air a bhith ag ionnsachad­h agus far a bheil iad a’ leasachadh nan sgilean Gàidhlig aca. Leis a bhith an sàs anns na diofair phròiseact­an, tha iad a’ faighinn buannachd mhòr a-mach a bhith coinneacha­dh ri agus a’ dèanamh càirdeas le daoine òga eile bho air feadh Alba.

Le stiùireadh làidir bho Cheannard na sgoile agus le taic bho na tidsearan, luchd- obrach eile agus pàrantan tha Gàidhlig san sgìre a’ dol bho neart gu neart agus tha seo na adhbhar toileachai­s mhòir a rèir Mona Wilson, Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig.

A’ bruidhinn às leth Bhòrd na Gàidhlig thuirt a’ Bhean-phòsta Wilson: ‘Tha sinn airson meal-a-naidheachd a chur air a h-uile duine co- cheangailt­e ri ÀrdSgoil Àird nam Murchan a tha aig cridhe na coimhearsn­achd agus a tha gu math airidh air an duais chliùiteac­h seo a bhuannacha­dh.’

Thòisich Duaisean Foghlaim na h-Alba ann an 2001 agus tha iad air an cur air dòigh leis an

Daily Record agus Foghlam Alba le taic bho bhuidhnean mar Bhòrd na Gàidhlig agus Alba Chruthacha­il.

Crìoch Airson tuilleadh fiosrachai­dh mun bhrath-naidheachd seo cuiribh fios gu Murchadh Moireasdan Manaidsear Conaltraid­h agus Thachartas­an (Sealach) aig Bòrd na Gàidhlig, air post- d murchadh@ gaidhlig. scot no air a’ fòn 01463 225454.

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom