The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THA MI ’N DÒCHAS gun do chuir beachd an Dotair Waleed Khan, ann an Inbhir Nis, mun chron a tha an creideamh Muslamach a’ fulang ri linn obair- ceannairce Isis smaointinn air mòran. A dh’aindeoin buaidh brùidealac­hd oillteil nan ionnsaighe­an a tha a’ gabhail àite air mòr-shluagh dhùthchann­an feadh an t- saoghail, ‘s iad Muslamaich as motha a tha a’ call nuair a tha sgrios agus marbhadh ga dhèanamh an ainm an cuid creideimh le daoine a tha, am beachd an dotair, “tinn nan inntinn”. Ged a tha ceannairci­ch a’ leigeil orra a bhith a’ strì an ainm Allah chan eil an cuid ghnìomh a rèir teagasg a’ chreidimh agus tha Muslamaich sgìth de bhith ag iarraidh leisgeul airson eucoir dhaoine nach buin dhaibh. Dh’iarradh an Dotair Khan barrachd fiosrachai­dh mun chreideamh Islamach a bhith air a theagasg gus co- obrachadh eadar chreideamh­an a leudachadh agus cuideachd gus tuilleadh cron den t-seòrsa a tha a’ tachairt a bhacadh. Saoilidh mi nach eil duine ceart sam bith nach aontaichea­dh ri barrachd tuigse agus co- obrachaidh am measg a’ mhòr-shluaigh agus gu sònraichte gluasad sam bith a tha dol a chur ri tèaraintea­chd, saorsa, agus sìth.

‘S e cuspair beagan eadar- dhealaicht­e a th’ ann ach nach eil sinne mar Ghàidheil glè eòlach air ionnsaighe­an faoin, ach goirt, air ar cuid cànain is dualchais gach dàrna latha anns na meadhanan. Chan eil teagamh agam fhìn nach e gu ìre nàdar burraidhea­chd a th’ air cùl mòran den sin is feadhainn a’ feuchainn air mion- choimhears­nachd le fios nach tèid aice air cus a dhèanamh gus i fhèin a dhìon. Bha dòchas ann gun cuireadh Cairt nam Mion- chànanan Eòrpach stad air leithid sin de gheur-leanmhainn ach tha e follaiseac­h nach tèid aig mion- bhuidheann sam bith air burraidhea­chd bho chuid de bhuill a’ mhòr- choimhears­nachd a sheachnadh.

Bidh mi aig amannan a’ cuimhneach­adh air clasaichea­n feallsanac­hd beusach anns an oilthigh, agus gu sònraichte an leabhar The Social Contract aig an fheallsana­iche Eilbheisea­ch Jean-Jacques Rousseau. Bha Rousseau soilleir na bheachd nach robh cumhachd a’ buileachad­h chòraichea­n, agus nach fheumadh an sluagh gèilleadh ach ri laghan reusanta a-mhàin. Cha robh buaidh air sluagh a’ toirt còir dha stàit tràillean a dhèanamh dhiubh. Nam aiste air a’ chuspair tha cuimhn’ agam gun tuirt mi nach robh e gu diofar co- dhiù a bha duine a’ creidsinn gun tàinig an cinne- daonna gu bith a rèir aithris a’ Bhìobaill neo a rèir Darwin, bha a h-uile neach co-ionann is cha ghabhadh còir tràilleach­d a bhith ann. Tha mi fhathast den aon bheachd! INVERNESS-BASED doctor Waheed Khan deserves support for his campaign for more education about Islam in order to develop greater inter-faith co- operation and understand­ing.

When terrorists adopt a faith to attempt to justify their actions the genuine followers of that faith can lose massively. But terrorism must never win!

As the Swiss philosophe­r JeanJacque­s Rousseau wrote, ‘One man thinks himself the master of others, but remains more of a slave than they are.’

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom