Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

CHUALA MI BOIREANNACH a bha an sàs san iomairt air­son làn-rannsachadh fhao­tainn air tubaist bhrò­nach lann- cluiche Hills­bor­ough a’ bruid­hinn air an t-sàrachadh a dh’fhuil­ing mòran de na bha an sàs fad faisg air an ochd bli­adhna fic­head bhon a thachair an sgrios uamhasach sin air 15 Gi­blean 1989.

Tuigidh neach sam bith a th’ air a bhith a’ strì air­son còraichean ceartais sam bith cho buail­teach ‘s a tha e gun tachair lei­thid sin de dhìth-mhis­neachadh nu­air a tha daoine a’ faireachadh gum bheil iad a’ bre­abadh an aghaidh nan dealg, ‘s gun dòchas ad­har­tais aca.

Tha suid­heachadh den t-seòrsa ag iar­raidh neart agus dior­rasachd, rud glè thric a bhios luchd-iomairt a’ tar­raing bho chàch a chèile, gus cumail a’ dol. Ruigidh each mall muileann uaire­an­nan, agus tha soirb­heachadh a bhuan­naicheas cuid aig aman­nan an siud ‘s an seo na mhis­neachadh dha buidhnean eile, agus nach math gur ann mar sin a tha.

Gu fol­laiseach tha suid­heachadh chòraichean na Gàidhlig glè eadar-dhealaichte bho thubaist uamhasach Hills­bor­ough, ach tha ginealaichean air an aon sheòrsa claoidh fhu­lang len cuid spàirn às leth a’ chà­nain. Saoilidh mi nach biodh Gàidhlig ann an staid cho làidir an-di­ugh mura b’ e na rinn uimhir de Ghàid­heil agus caraidean a’ chà­nain gu saor-thoileach air a son, agus tha feum a-nise mar nach robh ri­amh roimhe gun cleachd daoine an cà­nan a h-uile cothrom a gheibh iad. Chan eil teagamh nach e sin an taic as treasa agus as cu­d­ro­maiche is ur­rain­n­ear a thoirt dhan Ghàidhlig aig an àm seo oir tha a h-uile còir agus taic eile an urra ri àireamhan luchd-cleach­daidh agus tha an tomhas sin gu bhith nas mion­aidiche thar an ùine romhainn le spo­rain ion­mhais phoblaich a’ sìor fhàs nas teinne. Sin cuideachd pàirt den ad­hb­har air­son bar­rachd aire a bhith ga thoirt dha luchd-cleach­daidh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail, oir feu­mar neart a’ chà­nain a thomhas air na Gàid­heil le chèile.

Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh mise, le ad Chinn-suidhe a’ Cho­muinn Ghàid­healaich, a’ gab­hail pàirt ann an co-lab­hairt leis an ainm ‘A’ Cean­gal nan Gàid­heal’ ann an Ceap Bhreatainn an Alba Nuadh. Ged a tha an t-as­tar mòr, cho-dhùin sinn gum bu chòir dhan Cho­munn gab­hail ris a’ chuireadh a tha a’ dlùthachadh Ghàid­heal agus a’ toirt cothrom co-obrachaidh às ùr air innleach­dan leasachaidh dhan chà­nan air gach taobh den Chuan an Iar. Tha mi ’n dòchas gum bi buaidh is piseach aig a’ chru­in­neachadh agus tha mi uasal à Co­laiste na Gàidhlig air­son a chuir air dòigh. ONE CAN READ­ILY UN­DER­STAND the cam­paign fa­tigue de­scribed by some of those who bat­tled for al­most 28 years to achieve a thor­ough in­ves­ti­ga­tion of the 1998 Hills­bor­ough sta­dium tragedy. Their vic­tory does them great credit. Gaelic lan­guage cam­paign­ers also fre­quently ex­pe­ri­ence fa­tigue and frus­tra­tion in their pur­suit of re­spect and equal­ity of op­por­tu­nity for their lan­guage. Their re­silience does them, and their cul­ture, credit.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.