Beachd Ailein

The Oban Times - - Letters - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

‘THA MI AIR MO NÀRACHADH leis mar a tha na daoine sin air an du­alchas a gh­lei­d­headh agus sinne air uimhir dheth a chall!’

Tha corra bh­li­adhna a-nise bho chuala mi boire­an­nach ag ràdh sin aig cèilidh beag ann am Bòr­nais an Uib­hist a Deas aig àm na fèise Ceòlas a bhith a’ gab­hail àite. Bha sinn uile a bha an làthair air ar beò-gh­la­cadh le fear à Ceap Bhreatainn a bha còrr air ochdad bli­adhna a dh’aois ri dannsa ceum is e cho aotrom ri ui­seig, is a mhac a’ cluich na fìdhle is ogha dha cuideachd a’ dannsa.

Cha robh an duine sin air a bhith ri­amh roimhe san ‘t- seann dùthaich’ ach bha a chuid Gàidhlig, a thàinig thuige tron teagh­lach bho a sheanair a dh’fhalbh à sgìre Loch Abair, cho siùbh­lach ri co­mas filean­tach sam bith a bha san talla. Abair eisim­pleir air dìlseachd du­alchais, agus abair toileachas dhan duine seo aig nach robh, thuige sin, tu­igse sam bith gun robh coim­hearsnach­dan fhathast beò ann an Alba far an robh a’ Ghàidhlig na cà­nan làitheil.

B’ e coin­neachadh bros­nachail a bha seo dha gach taobh den Chuan an Iar. Bha coin­neachadh bros­nachail cuideachd aig Co­laiste na Gàidhlig ann an St Ann’s ann an Ceap Bhreatainn bho chionn chola- deug nu­air a chru­in­nich ri­ochdairean bho choim­hearsnach­dan Gàidhlig Alba, Èirinn, agus Alba Nuadh, gus còmhradh a dhèanamh air mar a dh’fhaodte coim­hearsnach­dan Gàidhlig na cru­inne a dhlùthachadh ri chèile. Mar a bha fìor ann am Bòr­nais air an fheas­gar ud bli­adhnaichean air ais, cha robh an seo cuideachd ach cru­in­neachadh beag ach ann am beachd chuid againn theagamh gun deach ceum cu­d­ro­mach a ghab­hail air slighe mhòr eadar-nàiseanta.

‘S i an ùine a dhearb­has sin, ach bha e da-rìribh mis­neachail a bhith a’ faicinn Co­laiste Gàidhlig Sab­hal Mòr Os­taig a’ daingneachadh Aonta Tu­igse dà bh­li­adhna le Co­laiste na Gàidhlig ann an Ceap Bhreatainn, ag ùrachadh agus a’ neartachadh nan ceanglaichean a th’ air mòran òi­gridh a thoirt mar-thà gu ruige fogh­lam àrdìre Gàidhlig ann an Alba.

Mar bu dual an sin bha an fhàilte a fhuair sinn blàth agus coib­h­neil le ceòl aig­hear­ach Fèis a’ Chidsin na bhu­nait air na bha a’ dol. Cha b’ iong­nadh an­nas a bhith oirbh le ainm na fèise, ach ‘s e tha seo ach fèis ciùil a tha cean­gailte ri foillseachadh agus mar­gaideachd bi­adh sgìre Cheap Bhreatainn, agus ma bha na h-àireamhan slu­aigh a chun­naic sinne aig na cuirmean nan tomhas, b’ e tachar­tas soirb­heachail da-rìribh a bh’ ann. WHEN A FLU­ENT Gaelic-speak­ing oc­to­ge­nar­ian from Cape Bre­ton step­danced and sang at the Ce­o­las fes­ti­val in South Uist some years ago, lo­cals ex­pressed shame that such cul­ture had sur­vived em­i­gra­tion while it had been lost in its home­land

Stim­u­lat­ing meet­ings for Cana­dian and Uib­his­teach alike and a sim­i­larly en­cour­ag­ing gath­er­ing of in­ter­na­tional Gaelic com­mu­nity rep­re­sen­ta­tives took place at the Gaelic Col­lege in Cape Bre­ton two weeks ago aim­ing for a ‘Greater Gaid­heal­tachd’ unity.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.