Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

BHEIL CUIMHN’ AGAIBHSE air droch aim­sir nu­air a bha sibh òg? Bha a h-uile latha air am bheil cuimhne agamsa tio­ram, gri­anach.

Car mar a bha am bàrd ain­meil Cuim­reach Dy­lan Thomas anns a’ bhàr­dachd Fern Hill nu­air a thill e a thad­hal air tuathanas air an do chuir e seachad mòran ùine na òige. Bha a chuimh­neachain làn son­ais, spòrs, agus iong­naidh, ach nu­air a thill e na inbheach bha na fhuair e cho eadar- dhealaichte.

Ach cha robh ad­hb­har gear­ain sam bith againne a thaobh na h-aim­sire fad seach­dain san Eilean Sgitheanach, bha i dìreach sòn­raichte a’ mhòr- chuid den ùine agus b’ e call a bh’ann gun robh uimhir de dhleas­t­anasan obrach rin coin­neachadh.

Bha na craob­han ma choin­neamh an taighe nan dlùth- choille agus thug an sgioblachadh fad latha dhan dithis againn. Eadar gàirnealaireachd, saor­sain­neachd, is plumaireachd cha robh cus ùine dhìomhain againn ged a ghabh sinn cothrom a dhol a-mach gu bi­adh dà fheas­gar.

Bha sin air leth math agus feu­mar a ràdh gum bheil ìre thaighean-bìdh na Gàid­heal­tachd air to­gail gu inbhe àrd thar nam bea­gan bh­li­adhnaichean a dh’fhalbh.

Eadar gach nì a bha sin thòisich mi cuideachd blàr! Blàr nam Buaghal­lan-Buidhe! Chan eil ach aon mhathas air an luibh chroi­seil seo agus ‘s e sin gum bheil freumhan staoin air agus gun ghabh e slao­dadh às an ta­lamh mead­hanach furasta. Bha uair a bhathas a’ crei­dsinn gur e crodh a bha a’ sgaoileadh mòran de lei­thid seo de luib­hean nam buachar ach tha cuimhne agam mar gum b’ ann an dè a thachair e an latha a bhà­saich deagh mhart oirnn, agus gur e a bhith ag ithe bhuaghal­lan a mharbh i.

Chan eil mi den bheachd gun robh fios aig duine sa bhaile againn gu ruige sin gun robh am buaghal­lan cho puinnseanta, agus b’ e àm oideachaidh gu math cos­gail a bh’ ann dha m’ athair. Bha sinne nar cloinn brò­nach ag ion­ndrainn na bà ru­aidhe ged a bha bea­gan to­gail anns an oth­ail is muin­ntir a’ bhaile a’ cru­in­neachadh gus a closach a shlao­dadh bhon bhàthaich gu ruige toll aig ìochdar an lot san deach a tiodhla­cadh.

‘S iomadh uair bhon uairsin a tha mi fhìn ‘s mo pheathraichean air còmhradh mun chleach­dadh a bh’ ann aig an àm sin a bhith a’ cur na cloinne a thogail chuisea­gan-ru­adha agus bhuaghal­lan-buidhe às na stàd­han feòir mar a bha na speal­adairean gan gear­radh. Bhiomaid a’ giùlan ul­taich dhi­ubh sin gu oirean nan achan­nan gun foir againn gum fao­damaid a bhith gar puinnseanachadh. Nach math an cofhur­tachd a th’ann an aine­o­las aig aman­nan! AMONG the chores I tack­led dur­ing a few days in Skye was a new ‘dec­la­ra­tion of war’ against ram­pant rag­wort, which seems to be ever spread­ing.

Now recog­nised as harm­ful to equine and bovine stock in par­tic­u­lar there was no aware­ness of this when we, as chil­dren, were tasked to gather it and dock weed from newly scythed hay mead­ows years ago.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.