Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMPBELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Campbell) ailean@oban­times.co.uk

MA SHEALLAS SINN air ais air eachdraidh na Gàidhlig thar còrr air ceud gu leth bli­adhna saoilidh mi gum faodte a ràdh, mar a thuirt an sgrìob­haiche Mark Twain ma dhei­d­hinn fhèin uair, gum bheil gain­nead fìrinn ann an naid­heachd a bàis! Nach bu mhath gun leanadh an suid­heachadh sin agus nach biodh ad­hb­har tu­il­leadh aig Gàid­heil is eile a bhith a’ bruid­hinn air bàs cà­nain ach gum biodh ad­hb­har moit aca à ath-nu­ad­hachadh nan cuid cà­nain is a cul­tar. Mar a dh’innseas eòlaichean cà­nain dhuinn bitheanta, cha gh­lèidh cà­nan sam bith beò gun i bhith ag athar­rachadh agus a’ glu­asad air ad­hart fo bhuaidh an t-saoghail anns am bheilear ga cleach­dadh. Anns an t-seadh dhùbh­lanach sin feu­maidh Gàidhlig a bhith ag athar­rachadh cuideachd agus ‘s e an t-amas a dh’fheumas a bhith againne nach caill sinn cus a tha ro lu­achmhor anns an ùrachadh sin.

Tha mi a’ sgrìob­hadh ‘s mi dìreach air til­leadh bho Mhòd Ion­adach na Dreòl­luinn ann am Muile, an dàrna Mòd agam ann an cola-deug oir bha mi aig Mòd Ìle an t-seach­dain roimhe. Abair gun do chòrd na tachar­tasan sin rium is aoigheachd nan eileanan fa leth cho gasta agus fi­alaidh ‘s a bha ri­amh, agus cuideachd deagh ìrean ciùil agus Gàidhlig a bha nam mis­neachadh. Aig aman­nan saoilidh mi gum bi a h-uile duine againn a tha an lùib na Gàidhlig a’ faireachadh bea­gan dì-mhis­neachail, ach an uairsin thig neach an lùib tachar­tais lei­thid fear de na Mò­dan ion­adail seo agus thig ùrachadh mis­neachd às na sgàthain sin air coim­hearsnach­dan Gàidhlig.

Saoilidh cuid nach eil anns na Mò­dan ach tachar­tas aon latha sa bh­li­adhna agus nach eil iad a’ cur ri spi­onnadh agus cleach­dadh na Gàidhlig anns na coim­hearsnach­dan, ach na mo bheachdsa tha sin fada ceàrr! Tha oideachadh agus ionnsachadh ma choin­neimh fharpaisean Mhò­dan a’ dol air ad­hart fad na bli­adhna a’ tar­raing aire agus aithne dhaoine aig gach ìre chun a’ chà­nain agus a’ to­gail a h-inbhe. A bhar­rachd air na mìl­tean a tha an sàs anns an deasachadh sin, tha mìl­tean eile a’ cru­in­neachadh airgead gus na tachar­tasan a stèid­heachadh agus cos­gaisean siub­hail, is eile, fharpaiseach a chòmh­dach. Na mo bheachdsa chan eil duine dhi­ubh sin den bheachd gur ann a’ fritheal­adh tiodhla­caidh a tha iad!

Gun teagamh shìo­laidh craos teine na Gàidhlig thar lin­ntean ach tha fi­anais Mhò­dan a’ toirt dòchas gum bheil grìosach an teine sin ga bheothachadh tro leasachaid­hean fogh­laim agus ealain a’ chà­nain. Rud cho tog­a­r­rach ‘s a chunna mi aig an dà Mhòd seo b’ e na bha de luchd-ciùil òga proifeiseanta Gàidhlig a’ britheamhachd!

HAV­ING had the hon­our of ad­ju­di­cat­ing at the pro­vin­cial Mòds in Is­lay and Mull in the past fort­night, I feel re-en­cour­aged to be­lieve that the de­cline of Gaelic is be­ing ar­rested. Per­for­mances were clearly mo­ti­vated and en­hanced by Gaelic medium ed­u­ca­tion and arts ini­tia­tives, and it was par­tic­u­larly en­cour­ag­ing to see so many young pro­fes­sional Gaelic mu­si­cians in­volved as ad­ju­di­ca­tors and role mod­els.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.