Beachd Ailein

The Oban Times - - LETTERS - AL­LAN CAMP­BELL ailean@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@oban­times.co.uk

BHA MI AIG DÀ CHRUINNEACHADH bh­li­adhnail air an t-seach­dain seo chaidh, agus chòrd iad fìor mhath rium. Ged a tha tomhas de dh’eadar-dhealachadh eadar Co­munn Leòd­hais is na Hear­adh Gh­laschu (CLHG) agus Co­munn Gàidhlig Inbhir Nis (CGI), tha iad le chèile air a bhith nan seòrsa de thèar­mainn dha Gàid­heil anns na bail­tean sin fad iomadh bli­adhna.

Nach math an naid­heachd gum bheil fàilte bh­làth agus fu­ran roimh choi­greach sam bith a thadhlas air gin de na cru­in­neachaid­hean aca, agus gum bheil sin gu sòn­raichte fìor dha Gàid­heil a nochdas. Nochd CGI ann an 1871 agus CLHG sia bli­adhna deug an dèidh sin ann an 1887, an dà bhuid­heann aig àm a bha gu math ri­aslach agus doirbh dha mòran de shlu­agh na Gàid­heal­tachd is nan Eileanan.

A’ seall­tainn air ais air suid­heachadh chroitearan thar bh­li­adhnaichean an dàrna leth den naoid­heamh linn deug, cha robh e na iong­nadh gun do dh’èirich na daoine an aghaidh brùide­alachd agus ana-ceartas nan uach­daran agus nam bàil­lid­hean a bh’ orra.

Ach ged a bha cean­nar­dan calma aig na croitearan, a bha deò­nach iad fhèin a chur ann an cun­nart smach­dachaidh laghail, bha neart ion­mhais agus siostam uach­daranais na dùthcha daon­nan ag iomairt nan aghaidh agus gan cur sìos.

Mar eisim­pleir, ann an 1877 shi­ub­hail neach-naid­heachd bhon phài­pear-naid­heachd, An Scots­man, tro Mhuile, An t-Eilean Sgitheanach, agus Leòd­has, agus cuid de thaobh an iar tìr-mòr na dùthcha a dh’aithris air suid­heachadh chroitearan. Ach bha na nochd bhuaithe calg-dhìreach an aghaidh fi­anais luchd-aithris eile agus a’ dearb­hadh an t-seasamh phoil­it­igeach a bh’ aige fhèin agus aig a’ phài­pear sin aig an àm.

B’ e dòigh àiteachais mill­teach a bh’ ann an croitear­achd, thuirt e, agus bha na daoine leisg agus neo-èifeach­dach a thaobh obair-fear­ainn agus a cheart cho beag feum a thaobh an ias­gaich. Thug e càineadh sòn­raichte air

coim­hearsnach­dan Leòd­hais agus air mar a bha croitean gan roinn eadar buill theagh­laichean ‘aig nach robh de sgoinn iomairt a dhèanamh a dh’ionn­saigh saoghal na b’ fheàrr dhaibh fhèin taobh a-muigh na Gàid­heal­tachd’.

Thug CGI, CLHG, agus mòran bhuidhnean eile le ceanglaichean Gàid­healach taic làidir agus lu­achmhor dha na croitearan, agus bha Rannsachadh a’ Mho­rair Napier ann an 1883 agus a’ chiad Achd Croitear­achd ann an 1886 nan dearb­hadh air èifeach­das na taice sin.

Nach math gum bheil iad ann fhathast, agus ged a tha an saoghal air iomadh car a chur bho thòisich iad, chan eil teagamh nach eil tri­oblaidean is dùbh­lain gu leòr aig Gàid­heil agus eile fhathast air am fao­dadh iad cuim­seachadh gus leasachaid­hean a shireadh! Càite an tòisich sinn?

AT­TEND­ING the an­nual din­ners of Glas­gow’s Lewis and Har­ris As­so­ci­a­tion and the Gaelic So­ci­ety of Inverness last week, I was re­flect­ing on the vi­tal sup­port which these and other sim­i­lar or­gan­i­sa­tions had given over many years to se­cur­ing jus­tice and im­proved con­di­tions for the peo­ple of the High­lands and Is­lands. Such in­ter­ven­tion and sup­port is still re­quired to re­solve on­go­ing chal­lenges. Where to start?

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.