Beachd Ailein

The Oban Times - - YOUR VIEWS - AL­LAN CAMP­BELL ed­i­tor@oban­times.co.uk Ailean Caim­beul (Al­lan Camp­bell) ailean@ oban­times.co.uk

Cho fad ’s is cuimhne leam tha mi air a bhith mea­sail air ear­rach agus foghar, aman­nan cura agus buain! Fiù ’s ged nach eil againne ach lios beag gàr­raidh tha tlachd mhòr ann a bhith ga àiteach, agus a’ faicinn na chuireas sinn a’ fàs.

Tha buachail­leachd ri dhèanamh gus plan­ntrais a dhìon ach le bea­gan dìchill gheibh thu lu­ach do shaothrach.

Bhiodh e ladarna dhuinne gearan air mar a chaidh cùisean leinn anns a’ ghàr­radh am-bli­adhna oir ged nach tàinig a h-uile càil chun na h-ìre a dh’iar­ra­maid, bha deagh bhuain againn. Cha robh am bun­tàta cho lìon­mhor anns a’ ghàr­radh am-bli­adhna agus bha ceist agam am b’ i an aim­sir thio­ram a bu choireach ged a bha mi a’ cumail uisge ris.

Mar phlanntrais eile feu­maidh bun­tàta grian agus uisge gus fàs agus cha do chòrd tior­ma­chd an t-samhraidh idir ri iomadh achadh dheth! Ri linn sin tha cuid de thuathanaich a’ gearan air lugh­dachadh toraidh agus tha fead­hainn ag ràdh gum fao­dadh bun­tàta bhith nas gainne am-bli­adhna na ‘n àb­haist. Tuigidh sibh mar sin cho toilichte ‘s a bha mi nu­air a thug mi cuairt chun an raon a bha mi fhìn is Iain Ùis­dean còir air a chur agus far an deach agam air cha mhòr peile a’ lìon­adh far dà chui­seig de Kerrs Pink!

Dh’fhàs e fìor mhath, lìon­mhor agus mòr, agus ged nach eil an Golden Won­der du­alach a bhith cho tor­rach tha esan cuideachd air tigh­inn air ad­hart sòn­raichte math.

Cha d’ fhuair Iain de shaoghal na leigeadh dha toradh an t-sìl a chuir sinn fhaicinn air abachadh, ach saoilidh mi gum biodh e air a dheagh dhòigh leis mar a thachair le mòran grèine, glè bheag uisge, agus gun chus àiteachais bho chaidh an sìol a chur ach cran­ndrilidh a chur troimhe uair neo dhà gus na luib­hean a chu­mail fo smachd.

Nu­air a thogas sinn e a dh’aithg­hearr bidh e in­ntin­neach tu­airmse tomhais a dhèanamh air ìre ioma­l­lan an tòraidh ma choin­neamh na chuir sinn. Mun àm a bhios sibh a’ leughadh seo bidh mise ann an Dùn Omhain agus an seach­damh Mòd Nàiseanta anns a’ bhaile sin an impis tòiseachadh, agus chan eil teagamh nach eil ochd làithean dripeil ro sgioba beag luchd-obrach a’ Cho­muinn Ghàid­healaich, buill na Co­mataidh Ea­grachaidh Ion­adail, agus àireamh mhòr eile de luchd­taice saor-thoileach.

Bidh faisg air trì mìle farpaiseach air bhio­ran cuideachd is bidh fi­ughair oirnn faicinn agus cluin­ntinn toradh an obair-deasachaidh a rinn iad­san uile ma choin­neamh a’ Mhòid. Mar a chuirear ‘s ann a bhuain­ear, agus gach soirb­heachadh leotha agus leis a’ Ghàidhlig.

Grow­ers ev­ery­where en­joy har­vest­ing care­fully nur­tured crops and a high yield al­ways gives par­tic­u­lar plea­sure.

As you read this, the 2018 Royal Na­tional Mòd will be open­ing in Dunoon and over eight days just un­der 3,000 com­peti­tors will demon­strate the re­sults of many hours of prepa­ra­tion.

We wish them all suc­cess, and an­other ben­e­fi­cial yield for Gaelic.

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.