The Oban Times

ALLAN CAMPBELL

- editor@obantimes.co.uk Allan Campbell ailean@obantimes.co.uk

’S gann a chreideas mi gum bheil sinn aig meadhan an t-samhraidh! Saoilidh mi, agus tha mi air a bhith a’ cluinntinn an aon bheachd bho dhaoine eile, gun deach na ceithir mìosan mu dheireadh seachad cha mhòr gun fhiosta, a dh’aindeoin an t-suidheacha­idh neo-àbhaisteac­h a bh’ againn fo ghlasadh a’ choròna-bhìorais. Bha fadachd oirnn uile chun an tigeadh fuasgladh air bacaidhean a’ ghlasaidh, agus mu dheireadh thall tha sin air tòiseachad­h agus tha cead againn siubhal air feadh na dùthcha a-rithist. Thug sinne cuairt dhan Eilean Sgitheanac­h airson a’ chiad turas bhon Ghearran, agus leis an fhìrinn innse bha an turas a’ faireachad­h car annasach an dèidh ùine cha fada, ach tha mi creidsinn gur e a b’ annasaiche uile cho beag ‘s a bha de chàraichea­n air an rathad faisg air meadhan an t-samhraidh. Gun teagamh, tha an t-sàmhchair sin air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air beòshlaint mhòran dhaoine air Ghàidhealt­achd agus anns na h-Eileanan a tha cho mòr an eisimeil turasachd, agus gu dearbh tha cuid a ghnìomhach­asan beaga air dùnadh uile gu lèir ri linn dìth cosnaidh.

Ach bhon t-seachdain seo a-mach tha dùil ri sruth de shluagh aig tuath agus san iar, agus dh’fhaodadh gur ann a bhios cus a’ tighinn! Chan eil cho fada bhon a chunnacas luchd-turais a’ cadal a-muigh san Eilean Sgitheanac­h ri linn ’s nach gabhadh àite-fuirich a lorg, ach bithear an dòchas nach ruig sinn an ìre sin a-rithist! ’S e fìrinn na cùise nach gabh smachd cumail neo a ghabhail air na h-àireamhan de luchd-turais a thig gu ruig nan sgìrean againn, agus gu ìre tha an aon rud fìor mun dòigh sam bi cuid dhiubh gan giùlan fhèin.

Chan iongnadh mar sin ged a bhiodh cuid a’ faireachad­h rud beag an-fhoiseil is na bacaidhean gan togail. Fiù ’s nuair a bha an glasadh stèidhicht­e bha beagan luchd-turais a’ nochdadh, gun fhios ciamar nach robh iad mothachail air na riaghailte­an.

Ach an uair a tha modhan giùlain an urra ri ciall an t-sluaigh bidh cuideigin gam briseadh, agus sin far am bheil an cunnart agus adhbhar na h-iomagain an-dràsta. Cuirear fàilte air an teachd-a-steach a chuireas na coigrich ri gnìomhacha­san de gach seòrsa ach chan urrainnear a bhith cinnteach nach toir cuideigin an galair mallaichte leotha cuideachd, gun fhiosta.

Tha e gu bhith doirbh rian a chumail air astar dhaoine bho chèile agus aig an aon àm an t-seirbheis air am bi feum aca a fhritheala­dh. Ma bha suidheacha­dh riamh an urra ri tùr a’ mhòr-shluaigh ’s e na tha gu bhith romhainn thar ùine shaor-làithean an t-samhraidh seo, agus air sgàth a h-uile neach a bhios an sàs bidh sinn an dòchas gun tèid gnothaiche­an mar a dh’iarramaid.

Gu cinnteach chan iarramaid tilleadh gu glasadh!

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom