An­gus Mac­don­ald

The Press and Journal (Highlands & Islands) - - Cinema -

dhaoine an urra ris a h-uile co-dhù­nadh a nì iad. Agus mar sin sìos gu daoine air feadh an t-saoghail agus tha cheart cho docha nach eil fhios aig mòran gu bheil iad idir ann. Ach de tha sin a' cial­lachadh dhomh fhìn agus dhut fhèin, na daoine beaga a tha dìreach a' feuchainn ri aran a chu­mail air a' bhòrd agus faigh­inn air ad­hart mar is fheàrr is ur­rain dhuinn ri ar co-chreutair? Tha sinne air ar fà­gail le cothrom na ru­dan beaga a dhèanamh.

Cuin a thuirt thu fhèin fa­cal mis­neachaidh ri cuid ei­gin bho dheireadh? Tha saoghal duilich gu leòr a thuigse agus a ghi­u­lain aig amanan, agus nì fa­cal cuideachaidh de­ifir mòr ann a là far a bheil cùisean a' dol ceàrr. Cuin a thug thu sùil air do nàbaidh a dh'fhaicinn a robh cuideachadh a dhith oirre? Cuin a thug thu taing dhan an duine tha os do cheann na'd obair? Gu dearbha, cuin a rinn thu fo­laiseach nach eil thu cho fèinfhoghain­teach agus nach fheum thu cuideachadh? Cuin a bha thu cho iriosal agus gun dh'iarr thu fhèin cuideachadh, fi­ughs ged a bha thu smaoineachadh gu robh sin a' nochdadh laige? Agus cuin a dh'aidich thu gu robh thu ceàrr agus mar sin, dìreach mun a h-uile duin' eile?

Chaneil fa­cal caoimh­neil ag iar­raidh cus saothair, ach gu math trìc tha e duilich fhaigh­inn a-mach as ar beul. Ach seall an de­ifir a ni e, seach an aimh-rèit agus an arga­maid agus a' mhi-chliu a tha sinn a' cluin­ntinn mun cuairt oirnn bho'n an ìre ' s isle gun an ìre ' s àirde. Co mheud oileanach a shoirb­hich a' mhàin ri linn tid­sear a bha mis­neachail, agus co mheud a chaidh an taobh eile ri linn tid­sear a bha dèanamh tàir orra? 'S iomadh duine an di­ugh a tha strì ri beatha gun dhòchas ach fi­achan is cru­adal, bochdainn agus dìth na slàinte, agus chuireadh glè bheag do bheartas na dùthcha sa air an casan iad agus bheireadh e dhaibh slighe agus so­lus.

Chan iar­radh e mòran air­son athar­rachadh a dhèanamh - dìreach rud cho beag ri fa­cal ris an duine air nach teid duine eile faisg. Seall mar a chì thu ta­lamh a-stear­rach, dubh agus falamh, dei­seil air­son a chuir. Theid thu mach le pacaid sìl na do laimh agus cha mhoth' a' pha­caid na bu­cas mhatch. Tha sìol fhèin cho beag agus gun tuit e eadar do mheuran mar a bith thu faicileach. Ach seall a-staob­har, bithidh aon shìol beag air fàs na shneap cho mòr ri do chla­gan, agus bithidh còmh­dach air an ta­lamh gu leir. Cha leig an crei­dimh, no an gniomh a thig as, a leas a bhith mòr air­son toradh sior­ruidh a thoirt amach. The Press and Jour­nal | Satur­day, Jan­uary 14, 2017 49

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.