A’ cur na mear­achd ceart

The Scotsman - - Reviews - Seon­aidh caim­beul

NACh an­nasach an aithris a thàinig o bhilean ar luchd riagh­laidh an t-seach­dain sa? “Chan eil teagamh sam bith aig Riaghal­tas na h-Alba ann an sàb­hail­teachd dìteadh Mhe­grahi.”

Ged a tha blas cainnt oifigeil oi­fis a’ Mho­rair Ta­graidh air na fa­cail, chaidh an lìbhrigeadh a dh’aona gh­nothach, ’s cha mhòr gu h-aon­aghuthach, le Ailig Sal­mond agus Ni­cola Sturgeon cho math ri Rù­naire a’ Cheartais, Coin­neach MacAs­gaill. Tha e ri thuigsinn gum biodh aca mar riaghal­tas earbsa sheall­tainn san t-siostam lagha, ach shaoileadh tu gun iar­radh iad a bhith bar­rachd na cùra­mach mu na their iad mu chùis a tha fà­gail iomadh sàr-eòlach lagha air feadh an tsaoghail fo ioma­gain nach beag.

Mar sin, tha mòran sgròbadh cinn a’ dol an-dràsta ’s daoine a’ feuchainn na briathran “teagamh”, “Riaghal­tas na h-Alba”, “sàb­hail­teachd” agus “dìteadh” a thuigsinn ann an coitheacsa co­daichean dìomhair diplo­ma­saidh agus seòl­tachd poileataigs.

Fhuair MacAs­gaill mo­ladh aig a cho-luchd-dùthcha son a chod­hù­naidh gum bu chòir Mo­hamad Ab­del­bas­sat Al-Me­grahi a dhol dhachaigh seach gro­dadh gu bàs ann am prìosan Ghri­anaig, mar a dh’iarr cuid a bha a’ crei­dsinn gur e Me­grahi bh’ air cùl Mort Log­a­r­baidh.

Mun àm seo an-uiridh bha daoine an seo ag ràdh cho math ’s a chòrd e ri­utha brat­ach croise na h-Alba fhaicinn taobh ri taobh ri brat­ach Libia aig por­tad­hair Tripoli a’ cur fàilte chrid­heil air til­leadh Mhe­grahi. Cha rob­has an dùil gum maireadh e fada bar­rachd na trì mìosan.

A-nise ’s e fhathast beò agus leis cho cumhachdail ’s a tha na mead­hanan, b’ ion­gan­tach mura robh Al­ban­naich a’ sìor thigh­inn fo bhuaidh a’ bhriathrachais ’s an t-seal­laid­hAn­glo-Ameirea­ganaich, ged a tha sgaradh a’ fàs eadar na Sasan­naich ’s na h-Ameirea­ganaich bho thòisich seanadairean a’ fà­gail air riaghal­tas Bhreatainn gun deach Me­grahi dhachaigh fo aon­tachadh dìomhair anns an robh com­panaidh ola BP an sàs. Tha fiùs Obama air cuideam sòn­raichte a thoirt don fha­cal “Breat- an­nach” ann an ainm an t-seann chom­panaidh, a chaidh athar­rachadh gu BP ann an 2001.

Ged a tha cuid de theagh­laichean an fhead­hainn a chaochail air PanAm 103 ann an 1988 fhathast ag iar­raidh bàs do Mhe­grahi mar dhìoghal­tas, ciontach gus nach eil, tha fead­hainn eile, gu h-àraidh Dr Jim Swire a chaill a nighean Flòraidh, gu làidir den bheachd nach deach ceartas a dhèanamh fo lagh na h-Alba. Chuir iad buid­heann air bhonn, Ceartas do Mhe­grahi, a bha soirb­heachail ann an to­gail na h-arga­maid gum bu chòir a leigeil dhachaigh air ad­hb­ha­ran cothru­a­can­tais. Se sin a thachair.

Tha am buid­heann fhathast a’ sireadh ceartas ge-tà ’s tha iad air fas sgileil ann an glacadh aire nam mead­hanan, mar eisim­pleir le bhith a’ toirt cuireadh do dh’Ailig Sal­mond a thaic fhoirmeil a thoirt don io­mairt aca. Mar a bhathas an dùil, dhiùlt e gnothachaghab­hail­risa’bhuid­heann, ged a thuirt e gun co-ob- raic­headh e gu deò­nach le rannsachadh aig buid­heann neo-eisimeileach lei­thid nan Nàiseanan Aon­aichte.

Bha glè bheag de dh’fhi­anais chin­nteach an aghaidh Me­grahi, ’s tha cuid ag ràdh gun deach luchd fi­anais a phàig­headh air son an teis­teanais. A rèir an Oll. Raibeirt Mhi­cilleDhuibh, a fhuair cùirt shòn­raichte air a cur air bhonn sna Tìrean Ìsle gus cùis Log­a­r­baidh fheuchainn fo lagh na h-Alba, chan e a-mhain nach d’fhuair Me­grahi ’s teagh­laichean Log­a­r­baidh ceartas, ach gun d’rin­neadh “mì-ghiùlan ceartais cho maslach ’s a chun­nacas an Alba bho chionn ceud bli­adhna”.

Tha MacilleD­huibh fos­gailte ann a bhith toirt rab­hadh don riaghal­tas nàisean­tach gum bu chòir dhaibh coim­head air na laigsean a lorg an Scot­tish Crim­i­nal Cases Re­view Com­mis­sion sa chùis. Thuirt e: “Gu ruige seo chan eil clàbar bho dhìteadh Me­grahi air stigeadh ris a’ Phàr­taidh Nàiseanta mar tha e stig- eadh ri riaghal­tasan RA ’s Al­ban­nach a bh’ againn roimhe, an dà chuid Làbarach agus Tòraidh. Ach ma chu­mas riaghal­tas na h-Alba orra a’ seach­nadh cod­hù­naid­hean an SCCRC ’s a’ dù­dachadh sàb­hail­teachd an dìtidh, thèid a’ choire a chur gu ceart or­rasan cuideachd.”

A rèir Ceartas do Mhe­grahi tha leab­har-latha harry Bell (poileas Al­ban­nach a bha ag obair còmhla ri fi­anaisean lei­thid Tony agus Paul Gauci á Malta) a’ seall­tainn gun deach cuid dhi­ubh a phàig­headh le Ameirea­ganaich. Do dhuine soinean­nta, bhiodh sin fhèin gu leòr air­son teagamh a thogail ann an cùis lagha sam bith, nach bit­headh?

“Tha sin ceart,” thuirt MacilleDhuibhrium. “Thanaleabhraichean-latha a’ nochdadh gun robh iad­san a’ faigh­neachd muphàig­headh aig ìre thràth, fada mun deach an gnothach gu cùirt, ’s gun tuirt na h-Ameirea­ganaich ri Bell gum­faig­headh Tony $10,000 anns a’ bhad agus tuil­leadh air a gheall­tainn.”

Car son tha feum air rannsachadh eadar-nàiseanta ma-thà? Nach eil e an urra ri Alba gnothaichean a chur ceart?

“Cha toigh le siostam ceartais na h-Alba a mhear­ach­dan aideachadh. Thug e 19 bli­adhna ann an cùis Os­car Slater. Cha toir e cho fada ann an cùis Mhe­grahi ged a tha e mì-choltach gum mair esan gus a neoi­chion­tas fhaicinn dearb­hte. Ach ge b’e dè cho fada ’s a bheir e, tachraidh e.”

Chòrd e ri mòran brat­ach croise na h-Alba fhaicinn a’ cur fàilte air Me­grahi aig port-ad­hair Tripoli

Me­grahi: an d’fhuair e ceartas?

MacilleD­huibh: ‘tachraidh e’

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.