Bli­adhna Sheumais, Bli­adhna Theàr­laich agus Bli­adhna Ailig

The Scotsman - - Obit­u­ar­ies -

An uair a bhios sinn a’ siub­hal coitheacsa eachdraid­heil an Reifrinn air neo-eisimeileachd, se Mrs Thatcher as trice a thig gu in­ntinn. Anns an aiste seo tha RAGH­NALL MacilleDHUIBH a’ dol rud beag nas fhaide air ais . . . THA mi a’ sgrìob­hadh leab­har an-dràsta mu na Gaid­hil a chuir an aghaidh a’ Phri­onnsa Teàr­lach anns an 18mh linn, na Caim­beu­laich gu sòn­raichte – “Nòb­ho­tairean” an ama sin. Tha mi fhìn ’na mo Dheas­b­ho­tair ’s tha mi feuchainn fhathast ri Nòb­ho­tairean a thuigsinn. Mar sin tha mi a’ rannsachadh nam freumhan aca. Aon rud a dh’ionn­saich mi, se nach do dh’athar­raich móran ann an 300 bli­adhna. Chaidh a’ chuibhle mun cuairt, tha gach nì mar a bhà.

Is tric a chuala sinn ri linn iomairt an Reifrinn gun robh sinn ag iar­raidh til­leadh chun na neo-eisimeileachd a chaill sinn ann an 1707. Ach tha e gòrach a ràdh gun robh Alba neo-eisimeileach a-nuas gu 1707. Mar eisim­pleir, cha robh Arm Al­ban­nach ann as déidh 1688, cha robh ann ach Arm Breatan­nach.

Co-dhiù, a-ri­amh bho 1603 bha sinn fon spòig aig rìghrean cumhachdach ann an Lun­nainn. Cha ghairmeadh iad­san pàr­la­maid ach ma bha iad ag iar­raidh rudei­gin, mar bu thrice airgead. Sann tro “Chomhairle Dhìomhair” neo Privy Coun­cil a bha iad a’ riagh­ladh Alba.

Mar sin, bha seòrsa de sgaoileadh-cumhachd neo de­vo­lu­tion againn, le rìgh san àite th’ aig Pàr­la­maid West­min­ster an-di­ugh – ach a-mhàin ri linn an deach­daire Oilib­hear Crom­bal, nach do dh’aith­nich gun robh dio­far eadar Alba agus Sa­sainn idir. Fhuair sinn air ais a’ bhìdeag de chumhachd a chaill sinn ann an 1707 mar-thà, ann an 1999. Le Reif­re­ann 2014, bha sinn a’ sireadh a’ chumhachd a chaill sinn ann an 1603 – a’ bh­li­adhna a chaidh ceann agus guail­nean ar stàite, an Rìgh Seu­mas VI, a Lun­nainn.

Bha ar-a-mach 1715 (“Bli­adhna Sheumais”) agus ar-a-mach 1745 (“Bli­adhna Theàr­laich”) ’nan oid­hirp air cur ás dhan Aon­adh. Air a’ bhrataich ghuirm a chaidh a thogail am Bràighe Mhàrr air 6 Sul­tain 1715 bha clu­aran rìoghail na h-Alba. Os a chionn bha NEMO ME IM­PUNE LA­CES­SIT agus fodha bha NO UNION. Gu mì-fhor­tanach bha ùgh­dar­ras Stàit na h-Alba air a ri­ochdachadh ann an Seu­mas Stiùb­hart, “Rìgh Seu­mas VIII”, a bha aig an aon àm a’ cumail a-mach gur e Rìgh Sha­sainn a bh’ ann, ’s gu dearbha bha e ’na ad­hb­har pròis aig iomadh Al­ban­nach gun robh e ’na rìgh air Sa­sainn cuideachd.

Thachair an aon rud san dà ara-mach: mheàrrs arm Al­ban­nach a-staigh do Sha­sainn a dh’fhaicinn an éireadh na Sasan­naich air taobh Rìgh Sheumais. Ann am “Bli­adhna Sheumais” b’e Gaid­heal a bh’ air an ceann – Uil­leam Mac an Tòisich, tig­hearna Bhòr­lainn. Ann am “Bli­adhna Theàr­laich” b’e Teàr­lach mac Rìgh Sheumais a bh’ ann.

Ann an 1715 chaidh an t-arm a sgaoileadh le feachd Sasan­nach aig Pre­ston ann a Lan­cashire. Ann an 1745 ràinig iad Derby agus thill iad. Ann an 2014 cuideachd, fhuair na h-Al­ban­naich amach nach robh na Sasan­naich ag iar­raidh na bha iad­san ag iar­raidh. Shìos an siud tha tòrr taice aig UKIP ’s na Tóraid­hean; shuas an seo tha tòrr taice aig Làbar ’s an SNP. Agus anns na trì bli­adhnachan uile, ’15, ’45 agus ’14, chaidh a dhearb­hadh gun robh na Sasan­naich a’ faicinn an Aon­aidh ’na rud math a b’ fhi­ach a dhìon gu làidir.

Aon nì a bha diofraichte eadar na trì bli­adhnachan b’i cean­nar­dachd nan “Deas­b­hò­tairean”. Ann an 1715 chan fhao­dadh i bhith na bu mhiosa. Air ceann an ar-a-mach ann an Alba bha Iarla Mhàrr. Mar fhear-poileataigs bha e ’na shliomaire (“Bob­bing John” a chanadh iad ris) agus mar sheanalair bha e ’na chu­laidh-thru­ais. Nuair a nochd Rìgh Seu­mas bho thall thairis, ro fhadalach, thuig gach duine gun robh an t-ad­hb­har caillt’ an darìribh, oir bha esan ’na iasg fli­uch. Duine cùra­mach, onarach, sòbarra, ach gun teine ’na chom.

Ri linn Bli­adhna Theàr­laich bha a’ chean­nar­dachd tòrr na b’ fheàrr. Bha am Mo­rair Seòras Moireach ’na shàr sheanalair ’s bha Teàr­lach ’na phri­onnsa gu chùl – calma, uasal, bòid­heach, trò­caireach, blàth-chrid­heach. Mar sin shaoileadh duine sam bith gun robh a h-uile gibht ann a dh’fheumadh a’ Chùis. Ach bha Teàr­lach ’na dhroch bhre­itheamh air car­ac­tar. Ghabh e comhairle nan daoine ceàrr, thug iad­san a chrei­dsinn air gun robh e ’na dheagh sheanalair, chaill e Cùil Lo­dair, the­ich e, chaidh e ’na dhron­gair ’s cha do thill e ri­amh. Bha Cum­ber­land ’na sheanalair a b’ fheàrr, tha mi duilich a ràdh.

’S có bh’ againn ann an 2014? Dithist eile, Ailig agus Ni­cola. Arithist, eatarra bha na gib­htean air fad a bha a dhìth, ach bha an còrr ann – rinn iad ul­lachadh math ro làimh, ghabh iad deagh chomhairle, agus dh’obraich iad gu math le chéile. Bha Ailig ’na shàr chean­nard.

Mar sin, dh’athar­raich dà nì tron eachdraidh: ghéill an claid­heamh ’s am peilear ris a’ bhogsa baileat, dh’fhàs a’ chean­nar­dachd na b’ fheàrr. Ach cha do dh’athar­raich dad eile. Tha 45 ás a’ cheud de mhuin­ntir na h-Alba ag iar­raidh neo-eisimeileachd? Chanainn gun robh e faisg air a-sin ann an 1715 agus 1745 cuideachd. Bea­gan na b’ àirde ’s dòcha ann an 1715, bea­gan na b’ ìsle ann an 1745. A-rithist, anns na trì bli­adhnachan b’iad an slu­agh cumanta bu mhotha, agus na hur­racha-móra bu lugha, a chuir an taice ri neo-eisimeileachd.

A-rithist cuideachd, ged a chluin­neas sinn mu “Mhì-Rùn Mór nan Gall” cha b’e siud a bh’ againn ri­amh ach “Mì-Thuigse Muin­ntir Sha­sainn”. Tha mi amach gu sòn­raichte air an luchdriagh­laidh agus na mead­hanan, nach eil gar tu­igsinn idir. Tha iad a’ crei­dsinn gu bheil muin­ntir na h-Alba air an sgoltadh gu dubh an aghaidh a-chéile. Chan eil idir, oir, ann an 2014 mar ann an 1715 agus 1745, air feadh Alba tha dio­far bheach­dan mu neo-eisimeileachd ri am fao­tainn san aon teagh­lach. Tha meas agus gaol againn air a-chéile agus tha fa­cal ùr againn a-nist “Sgioba na h-Alba.”

Air an làimh eile, tha an aon bheachd aig luchd-riagh­laidh Sha­sainn ’s a bh’ aca ann an ’15 agus ’45: tha sinn ’nar reubal­taich ’s ’nar cean­nair­cich chun na h-ìre nach eil còire­an­nan againn. Aig Cùil Lo­dair ann an 1746 cha robh ar gais­gich airidh air trò­caire; air teleb­hisean á Lun­nainn ann an 2014 cha robh ar beach­dan airidh air cothro­machd. Tha fios a’m a-nis mar a tha na Cur­daich a’ faireach­dainn anns an Tuirc.

Cuideachd, ann an 1745 agus 2014 gu sòn­raichte, leig ur­rachamóra Sha­sainn orra nach robh iad a’ déileadh ri slu­agh ach ri aon chean­nard craicte. Ann an 1745 chuir iad du­ais £30,000 (lu­ach dà mhil­lean not an-di­ugh) air ceann a’ Phri­onnsa Teàr­lach, marbh no beò. Cha do bhrath duin’ e. Ann an 2014 bhiodh lei­thid an Daily Mail a’ toirt ionn­saighean a bha nimheil – agus pearsanta – air Ailig Sal­mond ’s air “a’ bhru­adar a bh’ aige” ar dùthaich a sgaradh ás a-chéile. Ann an sùilean an Dai­ly­Mail cha robh an còrr againn ann.

A-rithist ’s a-rithist anns na seann phài­pearan a tha mi a’ sgrù­dadh, tha mi a’ tigh­inn tar­sainn air rud a tha dùs­gadh mac­talla bho Reif­re­ann 2014. Mar eisim­pleir, ann an iom­radh dìomhair a sgrìobh e ann an 1744 tha Gil­leas­baig Caim­beul, Sior­ram

air

a

shon. Earra-Ghaid­heal, a’ cumail fios ri mhaigh­stirean mu na dio­far chinn-chin­nidh Ghaid­healach. Sìo­fort agus Cromba: “These lords are sway’d in­tirely by their in­ter­est.” Buan­nachd phearsanta, mar bho ri­amh. Mac Shimidh: “A good bait would make him desert his Ja­co­bite ffriends.” Tuil­leadh chumhachdan gan geall­tainn? Tig­hearna Sh­léite: “Sir Alexan­der him­self has pick’d up a col­lec­tion of sto­ries re­lat­ing to in­jus­tice, op­pres­sion &ca.” An seòrsa rud a sgrìob­hadh Brian Wil­son mu na Nats anns a’ Phài­pear Bheag!

Agus “Pròiseact Ea­gail”? Arithist ’s a-rithist leughaidh sinn an òr­dain Chum­ber­land na fa­cail “un­der pain of mil­i­tary ex­e­cu­tion.” Bha a bhuil aige. Ann an 1747 sgrìobh fear-bratha, Pàdraig Caim­beul, gun robh muin­ntir na Gaid­heal­tachd gun taighean, gun mhin, gun airgead agus “frighted for the red­coats”. De­ich latha ron Reif­re­ann chuala mi bho charaid an saoghal na h-ealain ann an Lun­nainn nach robh an tais­beanadh “The First Ge­or­gians” a’ dol a gh­lu­asad bho Ghailear­aidh na Ban­righ (Lùchairt Buck­ing­ham) gu Gailear­aidh na Ban­righ (Lùchairt Holy­rood) a dh’ain­deoin na chaidh a ràdh roimhe. An t-ad­hb­har? “It was not deemed politic, at the present time,” arsa mo charaid, “to re­mind the Scots of the Duke of Cum­ber­land.”

A’ tigh­inn nas fheàrr: Rìgh Seu­mas VIII, iasg fli­uch gun teine ’na chom; a mhac Teàr­lach, pri­onnsa gu chùl a bha ’na dhroch bhre­itheamh air car­ac­tar; agus Ailig Sal­mond, a bha ’na shàr chean­nard

Newspapers in English

Newspapers from UK

© PressReader. All rights reserved.