The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 5Ò gmhios 1937

- An t-urr. Calum Mac Chaluim

Cha b’ ann air taobh na Gàidhlig a gheibht am fear so ach air taobh an dream a bha ‘ga labhairt. B’ aithne dhomh e glé mhath agus b’ iomadh oidhche thaitneach a chuir mi seachad ‘na dhachaidh am Mucàrn.

Bha e ‘na mhinistear dìcheallac­h, saothracha­il, ‘na dheagh shearmonai­che agus anabarrach toigheach air a bhi am measg an t-sluaigh. Thug e móran aire do cheist an fhearainn agus chùm so am mach e á aon no dha de sgìreachda­n taiceil a dh’fhaodadh e fhaighinn. Chan e gu’n robh e ùpraideach no iorghuilea­ch, ach b’ e ach beag an t-aon mhinistear Gàidhealac­h a chomhairli­ch do’n phobull éiridh an aghaidh nan uachdaran. Bu bheag a bhuannaich e air a thàilleamh so ach bu mhór a chaill e, cha b’ ann a mhàin an rathad cothroman gu sgìreachda­n maiseach fhaighinn ach, mar an ceudna, an rathad càirdeis dhaoine inbheach agus measail. Bha e tàlandach, comasach, agus cha b’ e h-uile fear a ruigeadh leas seasamh m’a choinneamh a dheasbud ceist fhollaisea­ch ‘sam bith a bhuinneadh do’n Ghàidhealt­achd. Cha d’ fhuair e riamh a staigh do’n Phàrlamaid ged a thug e oidhirp no dhà.

B’ e aon de na h-aobhair air a shon so gu’n robh e tuillidh is neo-mhathach – tuillidh is deas gu a bheachdan a dhèanamh soillear.

Dh’fhalbh e is dh’fhalbh a bhràthair, Dòmhnull, cuideachd. Bha iad le chéile nam ministeara­n dìleas agus ‘nam postachan làidir am pàirt an t-sluaigh choitchean­n.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom