The Scotsman

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 8 Faoilleach 1938

- Mèirleach Nan Cearc

Bha e air a chur às leth nan Gàidheal anns an àm a dh’ fhalbh nach cuireadh iad ag ann an dol an gréim an togail na creiche; agus mar a bu mhotha a’ bhuaile agus mar a b’fhaide air falbh i is ann a bu chliùitich­e a bhiodh e dhoibhsan a thogadh i. Ach bha aon mhèirle a bha air a cunntadh ro leibideach do Ghàidheal sam bith a làmh a chur innte, agus b’ i sin mèirle nan cearc.

“Mèirleach nan cearc, sin am mèirleach as leibidiche a tha ann,” arsa seann Ghàidheal còir rium féin aon uair; agus bha a’ cheart fhear de shìol na feadhnach is tric a “thug meann am mach á crò,” mar a thubhairt am Bàrd Asainneach e.

Is e a thug dhomh iomradh a thoirt air so an dràsd gu’n d’fhiosraich­eadh bho chionn ghoirid an so an leth-oir nam bailtean móra, gu sònraichte aig àm na Nollaige, nì nach bu bheag de ghoid eunlaith; agus mar a bu cheart dhoibhsan a bha a’ toirt binn am mach, leigeadh ris do na mèirlich nach robh iad air chor sam bith ri cèird a dhèanamh de’n obair so.

Bha cobhartach eile nach robh na Gàidheil a’ sealltainn air mar mhèirle idir, agus b’ e sin fiadh a thoirt à monadh, bradan a thoirt à uisge no slat a thoirt à coille. Chuimsich an seann Ghàidheal am beachd sin ann an sean-fhacal mar so:

“Breac à linne, slat à coille ’s fiadh à fireach, mèirle às nach do ghabh Gàidheal riamh nàire.”

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom