Cape Breton Post

Gàidheil an Albainn Nuaidh – 247 Bliadhna ’s a’ Cunntadh

-

EDITOR’S NOTE: Catriona Parsons, Gaelic educator, author, has provided the following in both English and Gaelic.

Leis mar a tha an saoghal an dràsda a’ fulang troimh’n ghalar mhór, tha feum air tachartasa­n de gach seòrsa a chur dheth. Aig an aon àm, faodaidh sinn fàilte a chur air Mìos na Gàidhlig anns a’ Chéitean, rud a tha sinn air dèanamh bho chionn 24 bliadhna. Thig atharracha­dh air an t-saoghal ach mairidh gaol, ceòl agus cànain dha’m buin iad.

’S còir cuimhn’ a bhith againn air ceann-bliadhna 1773 nuair a thàinig na ciad Gàidheil air an t-soitheach Hector gu A.N. Agus ’s ann àir an 20mh là dhen Chéitean,1820, a ràinig an t-Urr. Tormod MacLeòid’s an coimhthion­al aige Bàgh Naomh Anna, C.B., a’ toirt leotha na h-Eaglaise Cléirich gu Siorramach­d Bhioctoria. A' fàgail Asaint, Alba, a’ruigsinn Baile Phiogto, A.N., agus, ás déidh còrr is 30 bliadhna ann a’ Bail’ Anna, chuir iad crìoch air am beatha ann a’ Waipu, Sealainn Nuadh. Tha a’ choimhears­nachd Chrìosdaid­h seo a’ riochdacha­dh dhuinn a’ spioraid sheasmhaic­h a chì sinn beò is beòthail ann a’ Gáidheil an latha’n diugh.

Troimh na linntean, fada mas d’ tháinig iad dhan t-Saoghal Ùr, bha aig na Gáidheil ri strì an aghaidh nàimhdean a chuireadh ás dhan chánain’s an dualchas aca. Ann a’1616, chuir Rìgh Seumas I agus VI ’ainm ri reachd a bha airson cànain nan Gàidheal a dhìtheadh. Ceithir ceud bliadhna ás déidh seo, ann a’ Gleann Dail, C.B., 2016, thàinig Gàidheil le chéile a chomharrac­hadh mar a fhuair a’ Ghàidhlig buaidh air a’mhiann seo.

Ré an 20mh linn ann an Albainn Nuaidh, chum Gàidheil orra airson còirichean cànain ’fhaighinn. Tuigidh sinn an diugh, nuair a chuir An t-Urr. AWR MacCoinnic­h Colaisde na Gàidhlig air bhonn ann a’ Bail’ Anna, C.B., 1938-9, gu robh sin a’ ro-thaisbeana­dh dhuinn biùg dhen t-solus a bha ri tighinn. An diugh, tha a’ Cholaisde a’ sealltainn dhuinn na bha ri bhith. Ann an cobhonn le Oilthigh CB, faodar cùrsa creideis a ghabhail gach Chéitean anns a’ Ghàidhlig (aig an àm seo air loidhne); agus cuide ri Oifis Iomairtean na Gàidhlig, a chaidh fhosgladh ann a’ 2007, chuireadh prógram air chois do dh’òigearan, fo’n ainm “Na Gaisgich Òga”, a dh’aona ghnothach an toirt air adhart anns a’ chànain’s a’ chultar. Leugh na tha fear dhiubh, Eòs MacMhaighs­tir, aois 19, ag ràdh aig facebook. com/gaelicaffa­irs.

Na làithean seo, mìorbhuile­ach ri inns’, tha càraidean òga pòsd’ ann a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig-aig an sgoil, aig Colaisde na Gàidhlig, ann a’ Roinn na Ceiltis aig ONFX, agus ann a’ cothroman coimhearsn­achd mar “Gàidhlig aig Baile”-- a tha ’ga cleachdadh leis a’ chlainn bhig aig an taigh. Agus a huile madainn Luain, tha cuireadh aig clainn eadar a dhà’s a cóig a bhith aig Cròileagan ann an Acadamaidh Dhalbhràig­he, Màbu, le tidsear, Eamag bean MhicDhòmhn­aill, á Gleann nam Màgan, i-fhéin ’na màthair òg.

Bidh Gàidheil eòlach air an t-seanfhacal, “Anail a’Ghàidheil--air a’mhullach!” Ma sheallas sibh romhaibh, chì sibh mullach beinne a’ sméideadh oirbh.

 ?? CONTRIBUTE­D/THE GAELIC COLLEGE ?? NA GAISGICH ÒGA (The Young Heroes) 2020. Left to right, back row, Marina Rutherford, Jessie Everill, Emma Cholak, Kaj Udby, Phillip Whyte, Joey Ryan, Ciaran MacDonald, Daria MacLean, Katherine MacDonald, Clare Mombourque­tte; bottom row, Michael Power, Kenny Gillis, Vincent McDonald, Murdock Smith, Thomas Paufler, Lyla Munroe, Marley White, Ava Paufler, Cameron MacNeil. Also part of the group, Moragh and Kathleen Shaw.
CONTRIBUTE­D/THE GAELIC COLLEGE NA GAISGICH ÒGA (The Young Heroes) 2020. Left to right, back row, Marina Rutherford, Jessie Everill, Emma Cholak, Kaj Udby, Phillip Whyte, Joey Ryan, Ciaran MacDonald, Daria MacLean, Katherine MacDonald, Clare Mombourque­tte; bottom row, Michael Power, Kenny Gillis, Vincent McDonald, Murdock Smith, Thomas Paufler, Lyla Munroe, Marley White, Ava Paufler, Cameron MacNeil. Also part of the group, Moragh and Kathleen Shaw.

Newspapers in English

Newspapers from Canada