Daily Record

Sùil Eile

-

BHA Peadar Tatchell air Rèidio Mòr (sin a th’ agamsa air Radio 4) an latha eile, agus ’s e a bha uasalach.

Tha Tatchell air a bheatha a chur seachad a’ srì airson chòraichea­n na coimhearsn­achd geidh agus cearteas. Thàinig e gu aire an toiseach aig fo-thaghadh Bermondsey anns na h-ochdadan, sabaid cho salach agus a tha eachdraidh air.

Bha na Lib Dems a’ càineadh Thatchell – tagraiche a’ phàrtaidh Labaraich – air sgàth ’s gun robh e geidh.

Bhuannaich Sìm Hughes, nach robh air aideachadh fhathast gun robh e fhèin geidh. Chan eil fhios an d’fhuair e a-riamh mathanas airson sin.

Co-dhiù, ’s ann mu chòirichea­n agus càineadh a bha Tatchell a’ bruidhinn air an rèidio.

Bha am fear seo air a chur far cùrsa trèanaidh o chionn ’s gun robh e a’ coimhead air dòighbeath­a gheidh mar pheacadh sa Bhìoball.

Cha b’ urrainn dha a dhreuchd mar neachobrac­h sòisealta a dhèanamh le beachdan dhen leithid, a rèir an oilthigh.

Dè bh’ aig an Naomh Peadar ri ràdh?

Thug freagairt gheur mun duine: “Tha e cruinn comasach beachdan domhain cràbhach a bhith aig neach gu bheil co-sheòrsachd ceàrr, coltach ri mo mhathair fhìn, ach gun a bhith a’ dèanamh leth-bhreith an aghaidh duine a tha geidh.”

Sin spiorad mathanais. TRANSLATIO­N: PAGE 47

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom