The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

CHA TÈID DUINE le tuigse às àicheadh nach e foghlam tron chànan bunait leasachaid­h na Gàidhlig, agus tha fios againn nach eil dòchas air tèaraintea­chd aig a’ chànan às aonais seirbheis foghlaim choileanta tro mheadhan na Gàidhlig.

Gun teagamh, tha iomadh seirbheis a dh’fheumas luchd- cleachdaid­h na Gàidhlig gus cothrom a bhith aca am beatha làitheil a’ leigeil air adhart tron chànan seo, ach às aonais an fhoghlaim tha a h-uile coltas gum bheil Gàidhlig dol a sheargadh às. Leis nach eil Gàidhlig anns a’ bhitheanta­s ga h-ionnsachad­h dha clann mar chànan-màthaireil tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig deatamach gus àireamhan luchd-labhairt fhàs. Sin prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus tha còir aig a h-uile Plana Gàidhlig a bhith mothachail air seo agus a’ cuideachad­h a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe sin.

Cuiridh mòran taic ri pàrantan Bhun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanac­h nan iomairt gus toirt air ùghdarrasa­n foghlaim a bhith nas sùbailte le riaghailte­an a thaobh àireamhan chloinne ann an clasaichea­n foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Ged nach eil eadar- dhealachad­h mòr eadar cosgaisean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam tron Bheurla, feumar aithneacha­dh gum bheil siostam na Gàidhlig fhathast a’ fàs agus nach eil àireamhan cho làidir. ’S e sin a dh’fhàg gun robh an Riaghaltas a’ toirt taic thabhartas­an sònraichte gus cuideachad­h leis a’ chosgais a bharrachd a bha an lùib chlasaiche­an beaga fhad ’s a bha aonad Gàidhlig a’ fàs.

Bha, agus saoilidh mi gum bheil fhathast, taic airgid leasachaid­h foghlam Gàidhlig ga chuimseach­adh air an ìre às fheàrr de theagasg a thoirt seachad, agus ged a thuigeas mi carson a bhiodh Comhairle na Gàidhealta­chd airson na h-aon riaghailte­an a thaobh meud chlasaiche­an a chur an sàs feadh an cuid sgoiltean, saoilidh mi nach eil toradh an fheallsana­chd seo idir gu bhith a rèir nan amasan nàiseanta airson na Gàidhlig ris am bheil a’ Chomhairle a’ cur taic.

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom