The Oban Times

Beachd Ailein

- Ailean Caimbeul

CHA DO MHILL foighidinn mhath duine riamh! Faodaidh gum bheil seo ceart ach feumaidh mi aideachadh nach eil mi fhìn idir air mo mheas mar chuideigin foighidnea­ch.

Gu dearbh thuirt caraid a bha ag obair cuide rium fad bhliadhnai­chean rium turas, ‘nuair a nochdas am facal ‘foighidinn’ gu cinnteach chan e d’ ainm-sa a’ chiad fhear a thig gum inntinn!’

Gun teagamh ’s e comas àraid a th’ ann am foighidinn agus ged a tha mi uasal às an fheadhainn aig am bheil sin, saoilidh mi cuideachd gum bheil siostaman riaghlaidh agus seirbheis na dùthcha glè thric a’ gabhail brath air a leithid.

An iad seirbheisi­ch chatharra agus dreachadai­rean pàrlamaid, air neo buill thaghte an Riaghaltai­s, a th’ air gliocas an t-seanfhacai­l seo a ghabhail thuca fhèin is rudan a shaoileas duine ciallach sam bith a bu chòir a bhith fo smachd an lagha fhathast gun riaghladh!

Dh’fhaodamaid iomadach cuspair a thaghadh tha mi cinnteach agus tha mi cuideachd cinnteach gun cluinnte argamaidea­n tomadach mar leisgeul, neo mar adhbhar, airson nach deach reachdas fhathast a chuir an gnìomh. Ach leis an t- Samhain oirnn a-rithist tha e doirbh darìribh a thuigsinn carson nach eil an Riaghaltas air dìon a thoirt dha clann bhon t-seòrsa èideadh Samhna a tha dearbhta mar chunnart lasanta.

Tha mòran chloinne air fìor dhroch losgaidhea­n fhulang thar nam bliadhnaic­hean ri linn ’s cho buailteach ’s a tha cuid den stuth a thathas a’ cleachdadh a’ dèanamh aodach pàrtaidh, a dhol na theine.

A dh’aindeoin sin, agus riaghailte­an mionaideac­h na Roinn Eòrpa is na dùthcha seo fhèin, tha e fhathast ceadaichte dha ceannaiche­an stuth cunnartach mar seo a thoirt a-staigh dhan Rìoghachd agus a reic. Cò mheud tubaist a dh’fheumar chun an tèid stad air a’ chleachdad­h?

Anns a’ Mhàrt am-bliadhna gheall Riaghaltas na Co-bhanntachd a bh’ againn aig an àm gun dèante cochomhair­leachadh air cosgaisean cumhachd feadh chinn a tuath Alba, le amas suas ri trithead not sa bhliadhna a chaomhnadh dha gach dachaigh.

Bho chionn seachdain neo dhà bha Danaidh Alexander a’ fàgail air an riaghaltas ùr gun robh e air an gealladh seo dhan Ghàidhealt­achd a thrèigsinn, ach a-nise tha Roinn Cumhachd agus Atharracha­dh Aimsir air a ràdh gum bheil an co- chomhairle­achadh seo am measg innleachda­n eile air am bi iad a’ beachdacha­dh ann an sgrùdadh riaghailte­ach a bhios a’ tòiseachad­h deireadh na bliadhna!

’S iongantach gum bheil na caomhnaidh­ean dad nas fhaisge ma-tha? Tha seanfhacal eile ag ràdh gun claoidh foighidinn mhath na clachan, ach tha an t-somaltachd seo aig an riaghaltas ag àicheadh taic dha muinntir a’ chinn a tuath!

WHY DOES it take so long for government to provide essential protection?

Despite clear evidence of the danger posed by highly inflammabl­e imported children’s party costumes, these products are still imported and offered for sale in the UK.

A Gaelic proverb says that patience will wear out stone, but lack of urgency in matters such as regulating the sale of dangerous products could cost lives.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ?? ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk ??
ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom