The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

THA CIANALAS agus dòchas nàdarra aig àm Bliadhn’ Ùire, ràith a bha riamh cudromach dha na Gàidheil ged a bha ceann-latha na Seann Bhliadhn’ Ùire na bu bhitheanta ga comharrach­adh aig mòran.

Tha beagan den sin ri fhaicinn fhathast ged is ann mar is trice mar leisgeul airson cuirm a chur air adhart gus airgead a thional airson carthannas air choreigin. Fhad ’s a tha daoine deònach tionndadh a-mach gu leithid sin agus ma chòrdas e riutha, tha fhios gur e rud math a th’ ann.

Chuala mi ministear ag ràdh aig seirbheis tiodhlacai­dh bho chionn ghoirid gum bheil gàire na phàirt de leigheas bròin cho math ri rànaich, agus tha e math do dhaoine a bhith an cuideachd a chèile le beagan àbhachdais.

Mar a bhiodh dùil ‘s dòcha tha saoghal coimearsal­ta air greimeacha­dh air àm Bliadhn’ Ùire mar a tha air a h-uile dad eile agus tha bailtean mòra na dùthcha a’ farpais ach cò as motha a nì de dh’othail ciùil is eile oidhche Challainn. Gun teagamh freagraidh sin air an fheadhainn as òige sa mhòr- chuid, ach bidh gu h-àraid an fheadhainn as sinne ag iarraidh ‘dhachaigh’ mar a tha Donaidh Large Dòmhnallac­h na òran A’ Tilleadh Gu Mo Thìr.

Am faca tusa riamh bodach le cheann liath A’ toirt facal às an Leabhar an ceann a’ bhùird? Mo bheannachd aig an t-sluaigh ‘s tric orra mo smuain, Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn’ Ùir’.

Am faca tusa riamh bodach le pìob chrèadh, No cailleach a’ dèanamh mharag- choirc is flùr? Bidh mi fhìn ’s mo dhuain a’ togail oirnn gu tuath, Bidh mi tilleadh gu mo thìr aig àm Bliadhn’ Ùir’.

Gu mì-fhortanach dha mòran againn tha daoine a b’ aithne dhuinn aig na ‘dachannan’ sin a’ sìoladh às agus tha coigrich a’ gabhail an àite, agus tha na taighean- cèilidh Gàidhealac­h a sìor fhàs tearc.

Sin fear de na h-adhbhair gum bheil e cho deatamach

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom