The Oban Times

Beachd Ailein

- ALLAN CAMPBELL ailean@obantimes.co.uk

BHA CAOCHLADH ADHBHAIR cianalais agam ‘s mi aig an t-seann dachaigh ann an Caileabost Disathairn­e seo chaidh. Mar a thuigear ‘s cinnteach, chan eil uair a thèid mi ann nach eil mi a’ cuimhneach­adh air feadhainn nach eil cuide rinn tuilleadh.

Tha mi a’ dèanamh beagan leasachaid­h air an taigh agus mar phàirt den obair sin tha cuid den stuaigh a th’ air a’ chidsin air chùl an taighe ri leagail, agus chan eil sin furasta! ‘S ann an 1960 a chaidh na ballaichea­n seo a thogail fo stiùir Dhòmhnall ‘an ‘ic Nèill is sgioba beag, agus le cuideachad­h bhom athair.

Chan eil duine dhiubh sin beò an- diugh, ach a’ coimhead mòr-spàirn mo bhràthair- cèile a’ snaidheadh nam ballaichea­n le sàbh- cloiche, shaoil mi gum bheil na rinn iad na chuimhneac­han maireann air ealantas agus snas an cuid obrach. Bha mi cuideachd a’ smaoineach­adh air dùbhlain na h- obrach a bha romhpa an uairsin seach mar a tha cùisean an- diugh. Dh’fheumte frèam taice a thogail a ghleidhead­h concrait nam ballaichea­n chun an cruadhaich­eadh e, agus bha aca ris a h-uile unnsa den stuth sin, agus clachan a bha dol na mheasg, a thogail ann am bucaidean gus a dhòrtadh dha na frèaman.

Fìor obair chruaidh agus throm! Chan iarrainn cur sìos air saothair luchd- ceàird sam bith ach chan ionann ’s mar a tha gnothaiche­an an- diugh le clachan concrait agus innealan de gach seòrsa gus an obair a leigeil air adhart.

Cha b’ ann airson a’ chiad turas a thàinig fiamh gàire orm is mi a’ smaoineach­adh dè shaoileadh “na laoich nach eil beò” air ìre nan sochairean ris am bheil sinne cho cleachdte a-nise. Le cinnt ghabhadh iad annas asta agus chuirinn geall ged a chleachdad­h iad cuid dhe na “dòighean ùra” gu toileach, leanadh cuid de na seann chleachdai­dhean cuideachd oir ‘s iad “a bh’ aca riamh” agus ‘s iad mar sin a b’ fheàrr!

Saoilidh mi gum bheil sinn uile beagan leisg cùisean atharracha­dh aig amannan, agus gu dearbh tha deich bliadhna bho thòisich mi fhìn a’ beachdacha­dh air an obair-leasachaid­h seo air an t-seann taigh! Am measg mo smuaintean chianail Disathairn­e bhuail fìrinn an t-seanfhacai­l orm glè làidir, gur e beul a labhras ach ‘s e gnìomh a dhearbhas! Ann a bhith a’ cur meal-a-naidheachd air Coinneach Mac an Tòisich mar Oifigear Riaghlaidh ùr Phàrlamaid na h-Alba, agus ged a chuirinn fàilte air nas lugha de chonnspaid eadar-phàrtaidh, bhithinn an dòchas gun cur e air adhart leasachaid­hean a bhios gu math na Pàrlamaid agus an sluagh a tha i a’ frithealad­h.

HAVING eventually started renovation­s at the old family home in Skye, I have thought nostalgica­lly of the tradesmen whose work is a lasting memorial to their expertise.

In congratula­ting Ken Macintosh MSP on his appointmen­t as Presiding Officer of the Scottish Parliament, and while welcoming his aim of less inter-party sniping, I also hope Ken will seek improvemen­ts to benefit Holyrood and the people it serves.

Ailean Caimbeul (Allan Campbell) ailean@obantimes.co.uk

 ??  ??

Newspapers in English

Newspapers from United Kingdom